Deuchainn motor-baidhseagail sna h-Eileanan Siar a-rithist

Motor-baidhseagal Tòisichidh na deuchainnean as ùr aig Port-adhair Steòrnabhaigh sa Ghearran.

Cho-dhùin Buidheann Inbhe an Dràibhidh (DSA) leigeil le deuchainnean motor-baidhseagail a bhith air an cumail anns na h-Eileanan Siar a-rithist bho 13mh an Gearran am bliadhna.

Tha Buill-Phàrlamaid nan Eilean Siar, Allasdair Allan agus Aonghas Brianan MacNìll air a bhith a' bruidhinn ris a' bhuidhinn, agus grunn dhaoine sna h-Eileanan draghail gum feumadh iad falbh gu Tìr Mòr airson deuchainn a dhèanamh.

"Gu follaiseach chan eil e ciallach a bhith ag iarraidh air daoine a tha a' dèanamh deuchainn motor-baidhseagail, agus a tha a' pàigheadh air a shon, falbh gu Tìr Mòr agus air ais, le cosgais oidhche an lùib sin," thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

"Nuair a thugadh an goireas air falbh bho na h-eileanan, chuir mi fios air an DSA airson am puing seo a chur riutha às leth dhaoine san sgìre a thog an dragh leam.

"Anns an Iuchar, fhuair mi fios bhuapa ann am prionnsabal gun tilleadh na deuchainnean gu Port-adhair Steòrnabhaigh, agus sgrìobh an DSA thugam Diciadain a dhearbhadh gun tòisich deuchainnean a-rithist air 13mh an Gearran 2013," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.