Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Algeria

Tha comataidh èiginneach an Riaghaltais a' coinneachadh aig Sràid Downing an-dràsta a dheasbad staing ann an Algeria far an deach Breatannach a mharbhadh le raidigich Mhuslamach. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, gu bheil na h-uidhir de Bhreatannaich am measg buidheann de luchd-obrach a chaidh a thoirt am bruid le luchd-gunna a th' air ionad-gas a ghabhail thairis anns an Sahara.

Dreamliner

Tha Ùghdarras Sàbhailteachd Speuran na h-Eòrpa air eisimpleir nan Stàitean Aonaichte agus Iapan a leantainn, agus iad a' casg itealain Boeing 787 bho bhith a' sgiathathadh. Tha draghan air èirigh mu shàbhailteachd nan itealan Dreamliner, agus cunnart ann gum faodadh bataraidhean a dhol nan teine. Aig an ìre seo chan eil ach aon chompanaidh adhair Eòrpach, LOT, anns a' Phòlainn, a' cleachdadh nan itealan seo.

Coirbteachd

Chaidh fear-naidheachd agus dithis de dh'oifigearan Poilis a' Mhet a chur an grèim ann an Sasainn an-diugh sa mhadainn le oifigearan a tha a' rannsachadh chasaidean coirbteachd. Gu ruige seo tha na Poilis air 56 duine a chur an grèim mar phàirt de dh'iomairt Elveden.

Càbal a' Chuain Sgìth

Tha ceistean air èirigh mun dàil ann a bhith a' cur càbail-dealain fon mhuir eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr. Thuirt a' chompanaidh SSE gu bheil iad deiseil airson tòiseachadh càbal a chur sìos as t-Samhradh, ach nach eil fhios aca fhathast a bheil companaidhean cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan airson a dhol air adhart leis a' phròiseact. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar ge-tà, gu bheil ceud cabhag air na companaidhean sin ceangal ceart a bhith aca ris a' Ghriod Nàiseanta.

Càraichean

Reic gnìomhachas chàraichean Bhreatainn barrachd charbadan thall-thairis an-uiridh na aig àm sam bith bho 2007. Chaidh 1.2 millean carbad a chur a-null thairis ann an 2012 - àrdachadh de 8% air a' bhliadhna ron a sin. Thàinig àrdachadh de 9% air an àireimh de chàraichean a chaidh a thogail anns an Rìoghachd Aonaichte cuideachd.

Luchd-taisteil

Chaidh iarraidh air comhairlean na h-Alba barrachd làraichean a chomharrachadh do luchd-taisteil ann an oidhirp gus piseach a thoirt air a' chàirdeas eadar iad agus na Poilis. Togaidh Comann nan Superintendants a' chùis le tè de chomataidhean na Pàrlamaid Albannaich an-diugh fhathast. Canaidh iad gu bheil uachdarain a' cur cuideim air Poilis luchd-taisteil a sgiùrsadh far talmhainn prìobhaidich, agus gu bheil sin a' cur ris an dìth earbsa eadar gach taobh.

Fiosrachadh Siubhail

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air an t-seirbheis aiseig aca eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail a chur dheth agus droch shìde air fàire. Tha a' chompanaidh air leisgeul a thabhainn do luchd-siubhail, agus iad ag iarraidh orra bruidhinn riutha mu bhith a' cur thiceadan air dòigh air seòlaidhean eile. Tha iad a' toirt rabhaidh ge-tà gur math dh'fhaoidte gun toir an droch aimsir buaidh air seirbheis aiseig an Òbain a-màireach cuideachd.