Taic son phròiseictean chumhachd mhara

Bàta-teasargain aig cidhe 'S ann le Oighreachd a' Chrùin a tha mòran de chladaichean na h-Alba

Sgeulachdan co-cheangailte

Dh'innis Coimisean Oighreachd a' Chrùin gun roinn iad £20m not de thaic-airgid eadar dà phròiseict chumhachd mara.

Feumaidh na pròiseactan a bhith nas motha na 3MW, agus feumaidh iad sealltainn gun urrainn dhaibh an t-ionmhas air fad a tha a dhìth orra a chruinneachadh ron Mhàrt an ath-bhliadhna.

Tha pròiseactan air a' chosta an iar agus anns a' Chaol Arcach a dh'fhaodadh buannachd fhaighinn às.

Còirichean

'S ann ri sgeamaichean taisbeanaidh a tha an Coimisean, aig a bheil sealbh air a' chuid as motha de ghrunnd na mara mu na cladaichean, airson taic a chur.

Dh'fhaodadh na sgeamaichean a bhith a' cleachdadh chumhachd bho shualaichean neo bhon tìde-mhara.

Feumaidh còirichean làraich Oighreachd a' Chrùin a bhith aig na companaidhean a nì tagradh.

Thuirt Manadsair Prògram Mara Oighreachd a' Chrùin, Iain Callaghan, gu bheil iad an dòchas gum brosnaich seo feadhainn eile a thighinn air adhart a bhiodh deònach airgead a chur ris na pròiseictean.

Start Quote

Tha mi air leth toilichte gu bheil Oighreachd a' Chrùin air tighinn a-mach gu soilleir”

End Quote Murchadh Moireach

"Tha sinn air grunn chòirichean làraich a thoirt seachad air màl mu chuairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean thar grunn bhliadhnaichean," thuirt Mgr Callaghan.

"Ach, tha sinn a-nis airson ceum air adhart a ghabhail.

"Tha an teicneòlas fhathast ga leasachadh, ach tha sinn air an ìre a ruighinn 's gu bheil pìos math dheth a-nis dearbhte.

"'S e an ath-cheum a chur an sàs agus ionnsachadh mar a tha e ag obrachadh agus an dòigh as fheàrr obrachadh," thuirt e.

Brosnachadh

Tha Murchadh Moireach, a tha eòlach air gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail, den bheachd gur i naidheachd mhath a tha seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e a th' ann ach rud a bhathas a' cur feum air bho chionn ùine mhòir," thuirt Mgr Moireach.

"Tha mi air leth toilcihte gu bheil Oighreachd a' Chrùin air a thighinn a-mach gu soilleir, a toirt taic, brosnachadh, dha pròiseictean mòra," thuirt e.

Dh'fhaodadh gum bi mòran farpais ann son an airgid seo, a rèir Mhgr Mhoirich.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.