Ceistean eile mu Chàbal a' Chuain Sgìth

  • 17 Am Faoilleach 2013
Crainn-ghaoithe
Image caption Tha an càbal riatanach airson dealan bho sgeamaichean ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar fhaighinn gu Tìr Mòr.

Tha tuilleadh cheistean air èirigh mun dàil ann an càbal a' Chuain Sgìth, a bhios a' ceangal sgeamaichean chumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar ris a' Ghriod Nàiseanta air Tìr Mòr.

Tha a' chompanaidh SSE, a chuireadh an sàs an càbal, ag ràdh nach eil cinnt aca fhathast a bheil companaidhean nan tuathan-gaoithe anns na h-eileanan deònach a dhol air adhart leis.

A' toirt taisbeanadh air leasachaidhean dealain do Chomhairle na Gàidhealtachd Diciadain, thuirt riochdaire SSE nach robh dearbhadh ann fhathast gun robh na companaidhean deònach na cosgaisean a phàigheadh.

Tha SSE ag ràdh gu bheil iad deiseil airson tòiseachadh air cùmhnantan as t-Samhradh, ma gheibh iad dearbhadh air sin.

Ach tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e an tuigse a th' aca-san gu bheil ceud cabhaig air na companaidhean sin an rud a dhol air adhart.

Tha pròiseact a' chàbail - eadar an càbal fhèin agus leasachaidhean na chois - a' dol a chosg £800m.

Tha a' chosgais air a dhol an-àirde gu mòr, agus iomadach dàil air tighinn air a' phròiseact.

Thathas a' feitheamh ri cead bho riaghladair an dealain Ofgem a dhol air adhart.

Ach feumaidh iadsan an toiseach tagradh deireannach fhaighinn bho SSE, le aonta gum bi companaidhean nan tuathan-gaoithe anns na h-eileanan deònach cosgais a' chàbail a phàigheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile