Cosgaidh stoirm na Dùbhlachd £2.5m
Bha Caladh Bhaile an Todhair am measg na chaidh a mhilleadh.
Cluinnidh comhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin gun cosg e co-dhiù £2.5m airson am milleadh a rinn stoirm na Dùbhlachd air cladaichean a' chosta an ear a chàradh.
Innsidh oifigearan do Chomataidh Còmhdhail, Àrainneachd agus Seirbheisean Coimhearsnachd na Comhairle mun damaiste a dh'fhulaing cidhichean, ballachan-mara 's eile.
Thèid moladh dha na buill taic airgid èiginneach iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba.
Taic riaghaltaisAn dèidh dhan stoirm a bhith ann san Dùbhlachd, bha Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gun cosgadh e mu £1m am milleadh air àiteachan leithid calaidhean Bhaile an Todhair agus Phort MoCholmaig a chur ceart.
Ach tha oifigearan a-nis den bheachd gun cosg e còrr is a dhà uidhir - mu £2.5m.
Molaidh na h-oifigearan do chomhairlichean sgrìobhadh gu Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead, ag iarraidh taic riaghaltais.
Tha Caladh Inbhir Lòsaidh san roinn taghaidh aige-san agus chaidh sin a mhilleadh gu dona san stoirm cuideachd.
Tha Comhairle Mhoireibh air taic riaghaltais iarraidh mar thà.
Chan eil fhios le cinnt fhathast dè a tha an obair-càraidh a' dol a chosg air a' cheann thall.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~55~RS~)

MacCuthais air ais na cheannard
Àimhreit Fearainn Ùig' ga chuimhneachadh
Craobhan ag iarraidh taic