Cathraiche ùr Loganair air ainmeachadh

  • 16 Am Faoilleach 2013

Dh'ainmich a' chompanaidh adhair Loganair an Cathraiche ùr aca.

Bidh Dàibhidh Harrison, a b'àbhaist a bhith na àrd-oifigear air a' chompanaidh, a' gabhail aite Scott Grier a bha 15 bliadhna os a cionn.

Chuir Mgr Harrison dìon air mar a tha a' chompanaidh a' cleachadh itealan Saab 340, às dèidh mar a nochd draghan mu thrioblaidean teicnigeach air na slighean aca gu ruige Steòrnabhaigh.