Ullachadh son gheamaichean ann am Bermuda

  • 16 Am Faoilleach 2013

Chùm Comann Gheamaichean nan Eilean Siar coinneamh oidhche Mhàirt is tuilleadh ullachaidh ga dhèanamh son Geamaichean Eileanan na Cruinne a ghabhas àite ann am Bermuda as t-Samhradh sa tighinn.

Image copyright BBC Sport
Image caption Eilidh Nic Coinnich bho na h-Eileanan an Iar

Ghabh còrr air 60 farpaiseach pàirt anns na geamaichean mu dheireadh ann an Eilean Whyte ann an 2011.

Leis gum bi cosgaisean nas àirde an sàs ann an a bhith a' toirt sgioba a Bhermuda 's e sgioba nas lugha a thèid ann le dùil ri mu 30 farpaisich.

A-rèir cathriche Chomainn Gheamaichean nan Eilean Siar, Iain Moireasdan tha obair chudthromach fhathast ri dhèanamh.

"Feumaidh tu na h-itealain, feumaidh tu na suidheachain fhaighinn sa h-uile càil den t-seòrsa sin, 's bidh thu an uairsin ag ùrnaidh gum faigh thu an t-airgead a chaidh a ghealltain dhut."

Farpaisich

Tha an sgioba aig na h-Eileanan an Iar an ìre mhath air a chur air dòigh.

Chan eil ach triùir a tha fhathast a' feuchainn ri àitichean a chosnadh san sgioba.

"Tha triùir fhathast às nach eil cinnt againn... ach a' chuid as mòtha den chòrr, tha iad a-nis air na h-uairean fhaighinn is rudan den t-seòrsa sin.

"Son diofar adhbharan tha triùir ann fhathast às nach eil sinn cinnteach."