Cha chasgar taighean roinnte

  • 16 Am Faoilleach 2013
Meadhan Inbhir Nis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dùil gun diùlt a' Chomhairle casg a chur an sàs.

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd casg a chur air a' chòrr àiteachan-còmhnaidh do dhaoine a th' air sochairean sòisealta 's an leithid ann am meadhan Inbhir Nis.

Thuirt a' Chomhairle gur ann a bhios barrachd is barrachd feum air àiteachan-fuirich ann am meadhan a' bhaile do dhaoine aig nach eil airgead airson àite eile fhaighinn.

Cuiridh iad ge-tà, riaghailtean nas teanna an sàs airson na h-àitechan-còmhnaidh seo - taighean roinnte no "houses of multiple occupancy" (HMO) a riaghladh.

"Tha gu leòr de thaighean den t-seòrsa seo ann an Inbhir Nis, agus chan eil feum air tuilleadh dhiubh a tha nas motha," thuirt Ceannard na Comhairle, Drew Hendry.

"Ach 's e an trioblaid a th' ann, ma thèid an casg gu tur, 's dòcha nach fhaigh cuid de dh'àiteachan-còmhnaidh oileanach, no luchd-turais, cead san àm ri teachd.

"'S e na dh'fheumas sinn dèanamh, ach riaghailtean cruaidh a bhith an sàs againn, a chuireas stad air an t-seòrsa cheàrr de thaighean roinnte a bhith air am fosgladh ann am meadhan a' bhaile.

"Faodaidh sinn, leis na riaghailtean a mhol sinn an-diugh, na rudan seo a mheas chan ann a-mhàin a rèir am meud, ach air a' bhuaidh a bheir iad air an sgìre," thuirt e.

Chaidh ath-chuinge a chur thuca, le còrr air 400 ainm, a' gearain gu bheil mar a tha na h-àiteachan sin a' dol am meud, a' toirt droch ìomhaigh do mheadhan a' bhaile.

Bha iad a' gearain air grunnan dhaoine, nach eil ag obair, a bhith a' fuireach còmhla ann an flataichean is rùmanan os cionn nam bùithdean ann am meadhan a' bhaile.

Tha na daoine leis a bheil na h-àiteachan-còmhnaidh gan cumail a dh'aona-ghnothach airson an cur a-mach air màl don leithid sin de dhaoine, a rèir na h-ath-chuinge.

Tha na chuir an ainmean ris an ath-chuinge a' gearain gu bheil na daoine seo a' toirt trioblaidean le deoch is drogaichean nan cois.