SCIAF a' cur iomairt Ghàidhlig air bhog

  • 15 Am Faoilleach 2013
Sanas SCIAF
Tha SCIAF ag obair ann a 15 dùtchanan air feadh an t-saoghail

Thàinig a bhuidhean chathrannais, SCIAF gu Àrd-sgoil an Òbain gus iomairt a chur air bhog a tha a' brosnachadh sgoilearan gus a bhith nan saoranaich na cruinne.

Bidh a' bhuidhean - Maoin Taic Eadar-Nàiseanta na h-Eaglaise Caitligich (SCIAF) - a' toirt cobhar do dhaoine ann a cuid a dhùthchanan bochda an t-saoghail, s' chaidh iad a stèidheachadh mar charthannas Albannach agus bi iad tric a' dol a-steach do sgoiltean gus mìneachadh na tha foinnear dhaibh.

Tha còig pòstairean dathte air a bhith air an cruthachadh às ùr ann an Gàidhlig gus saoranachd cruinne a bhrosnachadh am measg òigridh.

Thèid na pòstairean a thoirt seachad do sgoiltean air feadh Alba anns a bheil Gàidhlig air a cleachdadh agus air a teagasg.

Sgrìobhte air na pòstaran, tha: 'Bi fhèin an atharrachadh a tha thu airson fhaicinn san t-saoghal', 'Miannaich gun barrachd a bhith agad, ach a bhith nas fheàrr', agus a bhith a' toirt am follais, 'Chan ann dìreach air taobh thall an rathaid a tha do nàbaidhean!'

Tha na pòstairean mar phàirt de dh'amas nas fharsainge aig SCIAF gus a dhol an sàs nas dlùithe le luchd-labhairt agus luchd-dàimh na Gàidhlig ann an Alba.

Mar phàirt dhe sin tha SCIAF air luchd-labhairt fhastadh gus bruidhinn ris na meadhanan ann an Gàidhlig agus a bhith a' cruthachadh ghoireasan eile a ghabhas cleachdadh aig taisbeanaidhean agus tachartasan.

Mar sin, airson a' chiad uair bidh a' Ghàidhlig air na bogsaichean beaga aig a' bhuidhinn, agus bidh sin air a chur air bhog aig a' Charghais.