SCF a' cur an aghaidh SAC Bharraigh

  • 15 Am Faoilleach 2013
Caolas Bharraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh am moladh a chur air adhart an toiseach ann an 2000.

Chan eil adhbhar ann sgìrean glèidhteachais a chur anns na h-Eileanan an Iar leis gu bheil croitearan is iasgairean mar tha a' gabhail uallaich airson na h-àrainneachd, a rèir fhir de stiùirichean Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Ruairidh Dòmhnallach.

Tha an Caidreachas air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gun sgìre ghlèidhte mara SAC a chur ann an Caolas Bharraigh.

Tha dùil ri co-dhùnaidhean sgrùdadh an Riaghaltais mun fhianais shaidheansail a rinn Dualchas Nàdair na h-Alba air an làraich, a dh' aithghearr.

Tha an SCF ag ràdh gum feum atharrachadh tighinn air an dòigh sa bheil an riaghaltas a' cur reachdas glèidhteachais Eòrpaich an sàs ann an Alba.

Fait Accompli

Tha iad ag ràdh gu bheil uallach mòr a' tighinn air buidseatan an riaghaltais, agus air ùine nan coimhearsnachdan air a bheil an glèidhteachas a' bualadh, a h-uile turas a thèid sgìre ghlèidhteachais a mholadh agus a chuireas a' choimhearsnachd na aghaidh.

Tha iad a' fàgail air an riaghaltas agus air Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) nach eil anns an SAC a thathas a' moladh airson Caolas Bharraigh ach "fait accompli" a chaidh a chur air dòigh eadar roinnean den riaghaltas thar an deich bliadhna a dh'fhalbh.

"Tha iad a' cur a-mach gum feum uiread seo de sgìrean glèidhteachais a bhith anns gach àite, agus mar a tha mise ga fhaicinn tha daoine a' dol mun cuairt agus a' coimhead càite an cuir iad iad," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Chan e idir càite a bheil còir aca a bhith.

"Tha fhios againn gu bheil na h-eileanan a tha seo làn de dheagh stuth den a h-uile seòrsa, ach tha na daoine a th' air a bhith ag iasgach agus a' croitearachd an sin air a bhith a' coimhead às dèidh nan àiteachan sin o chionn tòrr bhliadhnaichean.

"Agus an rud a tha iad a' faighinn air a shon, 's e comharra glèidhteachais a stadas pàirt den rud a bha iad a' dèanamh o chionn bhliadhnaichean.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil fhios aig a h-uile duine mar a tha a' dol le atharrachadh na sìde agus a leithid.

"Feumaidh rudan atharrachadh. Ach 's ann anns na h-eileanan a tha seo, a tha rudan gan dèanamh agus gan cleachdadh mar a bha iad o chionn linntean air ais.

"Seo na h-àiteachan far a bheil bith-iomadachd, air sàilleabh mar a tha croitearan agus iasgairean ag obair.

"Ach tha e an uairsin a' tighinn oirnn gu bheil an aon rud gu bhith air a chur an sàs sna h-àiteachan seo agus a tha a' dol a chur sìos beò-shlaint nan daoine.

Teannachadh ionmhais

"Canaidh iad gur e àite cugallach gu h-eaconamach a th' anns na h-eileanan a tha seo, agus an uair sin thig na comharraidhean glèidhteachais a-steach agus tha e ga dhèanamh nas duilghe do dhaoine beò-shlaint a dhèanamh.

"Tha coimhearsnachdan a' faireachdainn nach eil aire ga thoirt dha na beachdan aca agus gu bheil na sgìrean glèidhteachais seo gan sparradh orra.

"Tha cosgais mhòr an lùib nan argamaidean a thig às dèidh sin, agus tha iomadach eisimpleir ann. Tha iad a' fàgail dhaoine a tha a' feuchainn ri beò-shlaint a dhèanamh a' cosg an cuid ùine agus maoin ag iomairt an aghaidh an riaghaltais aca fhèin.

"Leis na tha de theannachadh a' tighinn air buidseat SNH agus air an riaghaltas san fharsainneachd an-dràsta, bu chòir don riaghaltas beachdachadh a-rithist air mar a tha glèidhteachas ga chur an gnìomh ann an Alba.

"'S ann a tha cùisean mar a tha iad a' dèanamh call air coimhearsnachdan cugallach agus air an dùthaich air fad, agus a' dèanamh ana-caitheamh air ionmhas agus neart dhaoine aig an aon àm," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile