Rathaidean Ratharsair robach

  • 15 Am Faoilleach 2013
Rathad Chaluim Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha na Ratharsairich a' gearain air droch staid a' chuid as motha de rathaidean an eilein.

Tha muinntir Ratharsair air draghan a thogail mu rathad cho ainmeil 's a th' anns na h-Eileanan, 's iad den bheachd nach fhada gus nach gabh e cleachdadh idir, leis an droch staid anns a bheil e.

Chaidh Rathad Chaluim, ann an ceann a tuath an eilein, ainmeachadh mar urram air Calum MacLeòid a thug cha-mhòr 20 bliadhna ga thogail leis fhèin.

Chuir Calum roimhe an rathad a thogail tarsainn na mòintich bho Chaisteal Bhròchail gu ruige a' bhaile aige fhèin, Àranais, ri linn 's gun robh a h-uile duine a' fàgail a' chinn a tuath.

Mus do chuir e crìoch air an rathad ge-tà, cha robh a' fuireach ann an ceann a tuath an eilein ach e fhèin 's a theaghlach.

Chaidh an rathad a rinn e a mholadh gu mòr airson cho math 's a bha e air a thogail, agus e a-nis na tharraing do luchd-turais bho air feadh an t-Saoghail, agus e a' cur ri eaconamaidh an eilein.

Rathaidean eile

Chan e a-mhàin Rathad Chaluim a tha a' cur dragh air na Ratharsairich, agus iad cuideachd a' gearain air staid a' chuid as motha de rathaidean an eilein.

Gu dearbha tha fear de mhuinntir an eilein, John Willie Mac'Illiosa ag ràdh gu bheil an rathad a tha a' dol gu ruige Rathaid Chaluim nas miosa na Rathad Chaluim fhèin.

"Chan eil dad air a dhèanamh air an rathad mhòr bho chionn bliadhnaichean," thuirt e.

"Bha uaireigin far an robh sguad dhaoine a' fuireach san àite agus ag obair air an rathad mhòr agus a' coimhead às dèidh nan rathaidean mòra, ach chan eil duine ann an-diugh.

"Sguir sin bho chionn bliadhnaichean," thuirt Mgr Mac'Illiosa.

Droch Staid

Thuirt Mgr Mac'Illiosa gu bheil co-dhiù trì carbadan ann a chaill ola bhon einnsein aca ri linn staid an rathaid.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
John Willie Mac'Illiosa a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Tha e ag ràdh bheil tuill sa rathad mhòr agus gu bheil far am bi cuibhlichean chàraichean a dol air crìonadh.

Le meadhan rathaid a-nis nas àirde tha e ag ràdh gu bheil e tòrr nas duilghe a ghlanadh le crann-sneachda nuair a tha sneachda ann.

"Chan fhaca mise a-riamh an rathad cho dona," thuirt e.

"Chan eil sinn ag iarraidh ach na tuill a bhith air an lìonadh agus claisean an rathaid mhòir air a ghlanadh gus am faigh an t-uisge dheth agus dhèanadh e feum mòr nuair a thig reothadh agus an t-uisge.

"Agus an rathad mòr làn uisge...sin agad far a bheil an reothadh a' dèanamh call agus rinn e sin bho chionn dha neo thrì bhliadhnaichean nuair a bha droch gheamhradh againn," thuirt Mgr Mac'Illiosa.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi iad a' dèanamh beagan obair-càraidh air an rathad ann an ùine gun a bhith fada agus gum biodh iad an uair sin a' coimhead air obair a bharrachd a dhèanamh aon uair 's gun tèid buidseatan na h-ath-bhliadhna-ionmhais aontachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile