Taigh-òsta Thaigh an Uillt
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taigh-òsta eachdraidheil ga ath-bheòthachadh

14 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dòchas ann gun tig ath-bheòthachadh air taigh-òsta ann an Earra Ghaidheal às an tug fear de bhailtean na sgìre ainm.

Tha Taigh an Uillt air ainmeachadh airson an taigh-seinnse ann.

Bha cunnart ann an-uiridh gun dùnadh e 's e air a dhol fo rianachd.

Ge-ta, chaidh a cheannach le cupal òg a tha a-nis trang ga leasachadh.

Chuala Andreas Wolff bho Iain MacPhàrlain a tha fìor eòlach air an sgìre ann an agallamh nas fhaide.