Co-dhùnadh coimhearsnachd mu thuath-ghaoithe?

  • 14 Am Faoilleach 2013
Crainn-ghaoithe Image copyright PA
Image caption Tha dùil ri £1m sa bhliadhna don choimhearsnachd bhon tuath-ghaoithe.

Bu chòir dhan choimhearsnachd ann an Uibhist a' Deas a bhith aig cridhe cho-dhùnaidhean mu mar a thèid teachd-a-steach bho thuath-gaoithe Loch a' Chàrnain a chosg, a rèir Urras Ghoireasan Loch Baghasdail.

Tha dùil gun tig £1m gach bliadhna bhon tuath-ghaoithe don choimhearsnachd.

Chur an t-Urras fàilte air gealladh bho Stòras Uibhist gun tèid bruidhinn ri buidhnean coimhearsnachd gus dèanamh cinnteach gun tèid am feum as fheàrr a dhèanamh den airgead, ach tha iad ag ràdh gum bu chòir an conaltradh a bhith nas fharsainne le cothrom aig a h-uile duine san sgìre a bhith na luib.

Tha Stòras Uibhist a' cumail sreath de choinneamhan fosgailte tron mhìos gus cothrom a thoirt don choimhearsnachd co-dhùnadh dè na pròiseactan a gheibh taic leis an airgead a thig bhon tuath-ghaoithe.

Coinneamhan Poblach

Tha an t-Urras fhèin a' moladh gun tèid an t-airgead a dh'ionnsaigh barrachd phròiseactan ath-nuadhachail coimhearsnachail ann an Uibhist, agus amar-snàimh coimhearsnachail cuideachd.

Mhol iad Stòras Uibhist airson na h-obrach cruaidhe a chuir iad an sàs gus an tuath-gaoithe a thoirt air adhart, agus dùil aig an Urras gun toir e ath-bheothachadh air Uibhist a Deas.

Tha dragh air an Urras ge-tà, nach eil Stòras Uibhist cho fosgailte anns an dòighean-obrach aca 's a dh'fhaodadh iad a bhith.

"Thuige seo, na tha air a bhith a' dol air adhart aig Stòras, tha e mar gum biodh an Stòras nan suidhe gu aon taobh, air an taobh a-muigh den choimhearsnachd," thuirt Cathraiche an Urrais, Dòmhnall Mac a' Phì.

"Leis mar a tha gnothaichean air a dhol air aghaidh o chionn bhliadhnaichean, tha a' choimhearsnachd, deagh chuid dhiubh co-dhiù, gu math droch-amharasach mu dheidhinn an dol-a-mach a th' air a bhith aca.

"'S iomadh duine anns a' choimhearsnachd, tha beachd aca dè ghabhadh dèanamh, no dè ghabhadh a thoirt air aghaidh rud beag diofraichte.

"Ach ma tha an Stòras fhèin dùinte, glaiste, air leth bhon choimhearsnachd, chan eil an cothrom a tha sin ann," thuirt e.

100 Pròiseact

Thuirt Stòras Uibhist gun robh ceithir coinneamhan poblach air a bhith aca ann an 2011 airson cothrom a thoirt do dhaoine am beachdan a chur air adhart mu mar a ghabhadh an t-airgead a chosg.

Tha cuairt eile de choinneamhan fosgailte air tòiseachadh, a' togail air na conaltraidhean eile, agus gus cothrom a thoirt do dhaoine taghadh cò an fheadhainn a-mach à 100 pròiseact a chaidh a chur air adhart a gheibh airgead bhon sgeama.

Chaidh aithisg eadar-amail fhoillseachadh san Ògmhios an-uiridh a' sealltainn nam pròiseactan a gheibheadh airgead.

Thuirt Stòras Uibhist gun do dh'obraich iad còmhla ri HIE, Comhairle nan Eilean Siar, agus Cothrom, gus dèanamh cinnteach gun deach dòighean-obrach freagarrach a leantainn, agus gum faigh a' choimhearsnachd a' bhuannachd as motha bhon airgead.

Bidh coinneamhan poblach ann an t-seachdain seo fhèin, air na làithean seo a leanas: 17mh, ann an Loidse Ghròigearraidh 7:30f-9:30f; 19mh ann an Talla Staoinibrig 2:00f-4:00f; agus 21mh ann an Taigh-Òsta an Eilein Duirche, bho 7:30f-9:30f.