Crathadh ga mholadh do laghan fearainn

  • 11 Am Faoilleach 2013
Giogha
Tha Giogha am measg nan àiteachan ann an Alba a tha fo smachd nan daoine.

Dh'iarr Fearann Coimhearsnachd na h-Alba crathadh mòr air laghan fearainn na dùthcha.

'S iad a tha a' riochdachadh nam buidhnean coimhearsnachd a fhuair sealbh air an talamh aca.

Tha iad dìreach air fianais a thoirt seachad dhan bhuidhinn a stèidhich Riaghaltas na h-Alba gus laghan fearainn na dùthcha a sgrùdadh.

Thuirt cathraiche na buidhne, Dàibhidh Camshron, gum bu chòir na laghan a th' ann an-dràsta a dhèanamh nas sìmplidh agus nas èifeachdaiche.

Dh'iarr e gun rachadh buidheann ùr a stèidheachadh airson am pròiseas sin a stiùireadh.

Stòras

Bu chòir cuideachd, tha e ag ràdh, an suim de £6m a th' ann an stòras fearainn ùr na h-Alba, àrdachadh gu £10m.

Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ag ràdh cuideachd gum bu chòir na còirichean a th' aig coimhearsnachdan croitearachd am fearann a cheannach a sgaoileadh gu coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.

Dh'iarr iad cuideachd gun tèid sgùdadh a dhèanamh air an inbhe charthannais a th' aig urrasan le ballrachd dhùinte a tha os cionn chuid de dh'oighreachdan.

Dh'fhailich air oidhirp an-uiridh bho Andaidh Wightman, a tha ag iomairt airson atharrachaidh air laghan fearann na dùthcha, gus riochdairean coimhearsnachd a chur air Urras Mount Stuart am Bòd agus Urras na Comraich.

Thuirt Fearann Coimhearsnachd na h-Alba cuideachd gu bheil sa chumantas aon bhuidhinn a' tighinn thuca gach seachdain is ùidh aca am fearann a cheannach.