Dragh mu fhoghlam is còmhdhail an Uibhist

  • 11 Am Faoilleach 2013
Itealan
Dheadh cur às don t-seirbheis eadar Barraigh is Beinn nam Fadhla.

B'e atharrachaidhean ann am foghlam agus seirbheisean adhair a bu mhotha a bha a' dèanamh dragh do mhuinntir Uibhist a Tuath nuair a choinnich iad ri riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Bha a' choinneamh mar phàirt den dàrna sreath de choinneamhan a tha a' Chomhairle a' cumail air na gearraidhean a nì iad ann am buidseat na h-ath-bhliadhna.

Tha aca ri £4.885m a chùmhnadh.

Tha an t-ùghdarras ionadail air cuid de na molaidhean aca airson ghearraidhean atharrachadh, leithid còmhdhail sa choimhearsnachd.

Dreuchdan Thidsearan

"Tha sinn air gluasad a dhèanamh a thaobh sin, agus tha an sàbhaladh a tha sinn a' lorg a thaobh còmhdhail sa choimhearsnachd tòrr nas lugha na bha e ron a seo," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Agus cuideachd tha sinn gu bhith a' coimhead ri pàirtean den raon sin nach bi buaidh mhòr aige air na tha a' tachairt anns a' choimhearsnachd.

"Anns na h-eileanan mu dheas gu tur, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn mothachail air cho èifeachdach 's a tha an t-seirbheis anns na sgìrean a tha sin, agus 's dòcha ann an sgìrean eile," thuirt e.

Ann an roinnean eile, tha a' Chomhairle an dòchas còrr is £1m a chùmhnadh le foghlam eileactronaigeach anns na sgoiltean.

"Chan eil mi cinnteach buileach an cuir e às do dhreuchdan luchd-teagaisg, ach bidh e a' ciallachadh co-dhiù gum bi sinn a' cleachdadh an luchd-teagaisg a th' againn ann an dòigh a tha tòrr nas èifeachdaiche.

"Agus mar eisimpleir far a bheil iad a' teagasg cuspair far nach eil ach clas gu math beag anns an sgoil sa bheil iad, 's urrainn dhaibh, tro fhoghlam eileactronaigeach, a bhith a' teagasg bhuidhnean beaga eile ann an diofar sgoiltean aig an aon àm," thuirt e.

'S e a bu mhotha a rinn dragh do mhòran a bh' aig a' choinneimh, na molaidhean a th' ann airson an t-airgead a tha ga chur ris na seirbheisean adhair a ghearradh.

Tha a' Chomhairle a' moladh an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla a ghearradh gu trì làithean san t-seachdain, agus cur às don t-seirbheis eadar Barraigh is Beinn nam Fadhla.

Tha dragh ann gu h-àraid mun bhuaidh a bheireadh sin air còmhdhail euslainteach eadar ospadail.

"Chan eil teagamh ann nach eil draghan a' nochdadh mu dheidhinn sin, agus bha sin fìor bho chionn dà mhìos cuideachd nuair a thàinig sinn timcheall," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Agus a-rithist, 's e rud a tha sin mu am feum sinn còmhradh a bhith againn leis a' Bhòrd Shlàinte mu dheidhinn, agus le Loganair agus Flybe.

"Tha còmhraidhean a' dol air adhart, agus bidh sinn a' cumail a' còmhradh.

"Ma tha droch bhuaidh gu bhith aig a bhith a' gearradh nan seirbheisean sin sìos, feumaidh sinn a bhith cinnteach às gu bheil na goireasan a thig nan àite gu bhith freagarrach," thuirt e.

Dh'iarradh a' Chomhairle gun nochdadh daoine an cuid bheachdan dhaibh ann a sgrìobhadh, no air làrach-lìn na Comhairle, ron là mu dheireadh den Fhaoilleach.

Thèid na beachdan sin an uair sin a chur an lùib nan aithisgean a thèid mu coinneimh na Comhairle air 14mh an Gearran.