Taigh-òsta eachdraidheil ga sgeadachadh

  • 11 Am Faoilleach 2013
Taigh-Òsta Thaigh an Uillt
Tha an taigh-òsta air a bhith frithealadh luchd-siubhail son linntinn.

Chaidh fàilte a chur air an naidheachd gu bheil Taigh-Òsta Thaigh an Uillt air a cheannach 's gu bheilear a' dèanamh obair sgeadachaidh air.

An-uiridh bha cunnart ann gun dùnadh an taigh-òsta agus e air a dhol ann an làmhan an luchd-rianachd.

Aig an àm sin bha a' choimhearsnachd a' beachdachadh air an taigh-òsta a cheannach, ach a-nis tha cupal òg air a cheannach is iad air tòiseachadh ga sgeadachadh.

Tha eachdraidh fhada aig an àite agus daoine a' smaointinn gun robh taigh-òsta air an làraich seo airson cha mhòr trì cheud bliadhna.

B' e seo a' chiad taigh-seinnse cuideachd far am biodh cairt is eich a' stad agus ag atharrachadh an cuid each air an t-slighe as an Òban gu Inbhir Aora.

Se seo an taigh cuideachd a thug ainm dhan bhaile - "Taigh an Uillt."

Tha an fheadhain a tha ruith an taigh-òsta an dòchas gum bi iad fosgailte do luchd-turais a-rithist anns a' Mhart.