Loch MhicIlleMhìcheil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Uisge Shlèite

10 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha bhi càil a dhìth uisge air muinntir Shlèite san Eilean Sgitheanach san àm ri teachd, a rèir Uisge na h-Alba.

Tha a' choimhearsnachd iomagaineach mun aon loch a tha a' frithealadh na sgìre, às dèidh mar a thug poll ann buaidh air an uisge, a' fàgail nach gabhadh a chleachdadh.

Chan e sin a-mhàin agus buaireadh cuideachd air èirigh eadar Uisge na h-Alba agus croitearan san sgìre.