Butcher a' fuireach aig ICT

  • 10 Am Faoilleach 2013
Terry Butcher
Image caption Thuirt Terry Butcher gu bheil "rudeigin sònraichte" aige còmhla ri Caley Thistle.

Tha luchd-leanntainn Chaley Thistle Inbhir Nis a' dèanamh ghàirdeachais agus am manaidsear, Terry Butcher, air co-dhùnadh gum fuirich e aig a' chluba.

Bha ICT air cead a thoirt do Bhutcher bruidhinn ri Barnsley san Championship ann an Sasainn mu dhreuchd a' mhanaidseir aig Oakwell.

Às dèidh còmhraidhean còmhla ri Barnsley Dimàirt is Diciadain ge-tà, dh'innis Butcher gum fuirich e air a' Ghàidhealtachd.

"Bha mi toilichte gun tug Caley Thistle cothrom dhomh bruidhinn ri Barnsley, is bha e uamhasach fhèin furasta dèiligeadh riuthasan cuideachd", thuirt Butcher.

"Doirbh"

"Seo co-dhùnadh cho doirbh sa bh' agam ri dhèanamh a-riamh.

"Cho-dhùin mi ge-tà, gum fuirich mi aig Caley Thistle. Tha sinn a' dol cho math agus san darna àite san SPL, fhathast ann an Cupa na h-Alba, agus le iar-chuairt dheireannach ann an Cupa na Lìge aig deireadh na mìos.

"Thug mi daoine dhan chluba seo cuideachd agus, às dèidh dhomh beachdachadh air, tha mi den bharail gum bu chòir dhomh fuireach còmhla riutha agus leantainn oirnn leis an obair againn", thuirt e.

Rinn Butcher moladh air na goireasan aig Barnsley agus na daoine a tha os cionn a' chluba sin.

"Aig àm sam bith eile", thuirt e, bhiodh e air ainm a chur ri cùmhnant aig Barnsley.

"Sònraichte"

Thuirt an Sasannach ge-tà gu bheil "rudeigin sònraichte" aige còmhla ri Caley Thistle.

Thuirt cathraiche ICT, Kenny Camshron, gu bheil an cluba agus an luchd-leantainn air an dòigh.

"Nuair a thàinig Barnsley thugainn, bha sinn den bheachd gun robh e iomchaidh leigeil le Terry coinneachadh riutha, ach 's e faochadh mòr a th' ann gun do cho-dhùin e fuireach còmhla riunn", thuirt e.

A rèir Àrd-Stiùiriche Bharnsley, Don Rowling, 's e bristeadh-dùil mòr a bh' ann dhan chluba à Yorkshire.

Ionmhas

Thuirt Mgr Rowling gun robh e cinnteach nach e ionmhas a bha air cùlaibh a' cho-dhùnaidh ach an suidheachadh a th' aig Terry Butcher ann an Inbhir Nis.

Faodaidh aire ICT a-nise tilleadh gu ball-coise.

Bidh an ath-gheama aca an aghaidh Obar Dheathain san SPL air an 19mh den mhìos.

An uairsin bidh an geama mòr an aghaidh Hearts ann an Cupa na Lìge ann air an 26mh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile