Dh'fhaodadh stèiseanan-smàlaidh dùnadh

  • 10 Am Faoilleach 2013
Luchd-smàlaidh Image copyright Paul Campbell
Image caption Thèid an t-seirbheis a chur an lùib seirbheis ùir nàiseanta sa Ghiblean.

Cha rèitichear trioblaidean a th' ann le Seirbheis-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean mus cuirear an t-seirbheis an lùib seirbheis nàiseanta, a rèir aithisg ùir.

Thuirt àrd-sgrùdair nan seirbheisean-smàlaidh, Steven Torrie, gun do rinn an t-seirbheis aig tuath "adhartas iongantach" às dèidh mar a thog Coimisean nan Cunntasan dragan an-uiridh.

Ach thuirt an aithisg aige nach robh cinnt ann mu na dh'èireas dhan t-seirbheis san àm ri teachd.

Dh'fhaodadh gum feum cuid de stèiseanan-smàlaidh air Ghàidhealtachd dùnadh, agus cùmhnadh a dhìth mu choinneimh leasachaidhean san t-seirbheis, tha an aithisg ag ràdh.

Anns an aithisg aige, a chaidh fhoillseachadh Diardaoin, tha Mgr Torrie a' moladh na rinneadh de dh'adhartas a thaobh rudan leithid a bhith a' coileanadh trèanaidh a bu chòir tachairt, ach nach robh air tachairt.

Ach thuirt e cuideachd gu bheil an t-seirbheis nàiseanta ùr, a thig gu bith air 1mh an Giblean am bliadhna, a' togail cheistean mu cho maireannach 's a tha an ìre sheirbheis a th' ann an-dràsta, ri linn buidseatan a bhith gan gearradh.

"Tha mi a' creidsinn gu bheil an aithisg a tha sin gu math fìrinneach," thuirt Tormod MacLeòid, a tha na bhall de Bhòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Tha tòrr an dèidh a bhith air a dhèanamh anns na dhà no thrì mhìosan mu dheireadh, ach mar a tha an aithisg ag ràdh, tha tòrr ri dhèanamh fhathast.

"Chunnaic sinn anns na dhà no thrì mhìosan mu dheireadh gun tàinig oirnn trì stèiseanan a dhùnadh, agus an t-adhbhar a bu choireach ri sin, 's e nach ro daoine anns na coimhearsnachdan sin, gu h-àraid san Eilean Sgitheanach, 's an Arcaibh agus fear de na h-eileanan a-mach à Sealtainn, deònach a dhol a-steach dhan t-seirbheis.

"Mur a bheil daoine anns na coimhearsnachdan fhèin a' tighinn air adhart airson trèanaidh agus deònach a dhol dhan t-seirbheis, chan eil an t-uabhas ann as urrainn dhuinne a dhèanamh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile