Bun-sgoil ùr do dh'Uibhist a Tuath?

Bun-sgoil Chàirinis Tha trì bun-sgoiltean ann an Uibhist a Tuath an-dràsta.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chuir muinntir Uibhist a Tuath taic, gu h-aona-ghuthach, ri plana bun-sgoil ùr a thogail san sgìre, a dheadh an àite nan trì bun-sgoiltean a th' anns an eilean an-dràsta.

Chan eil fhios le cinnt fhathast càite am biodh an sgoil ùr stèidhichte.

Chuala coinneamh phoblach san sgìre oidhche Chiadain gum feum Comhairle nan Eilean Siar a-nis tighinn gu co-dhùnadh an tèid iad air adhart leis a' phròiseact.

Ged a tha fhios gu bheil airgead ri fhaotainn bho Riaghaltas na h-Alba, cha tàinig gealltanas bhon chomhairle fhèin fhathast.

"Tha mise a' faireachdainn uabhasach comhfhurtail gun tàinig muinntir Uibhist a Tuath gu co-dhùnadh gun robh iad ag iarraidh sgoil ùr a thogail," thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Catriona Stiùbhart.

"'S urrainn dhuinne a-nis a dhol air ais chun na comhairle, gu Comataidh an Fhoghlaim 's nan Seirbheisean Cloinne air a' chòigeamh là den ath-mhìos, agus sin innse dhaibh ann an aithisg, gu bheil iad ag iarraidh sgoil ùr a thogail.

"Tha ionmhas again bhon Riaghaltas, ach feumaidh a' chomhairle ionmhas a chur ris a' phròiseact a tha seo ma thèid e air adhart, agus tha sinn an dòchas gun tèid, le aonta bho na comhairlichean air fad," thuirt i.

Thuirt Cathraiche Comhairle Phàrant Sgoil Phaibil, Cathina NicCorcadail, gun robh i air a misneachadh le mar a chaidh a' choinneamh.

"Tha mi cianail toilichte na thàinig a-mach chun na coinneimh agus tha mi toilichte gu bheil a h-uile duine ag aontachadh gur e aon sgoil ann an Uibhist a Tuath an dòigh air adhart", thuirt i.

Dh'innis i gun robh beachdan gu leòr ann a thaobh dè bu chòir a bhith ann an sgoil ùr.

"Bha tòrr bhruidhinn ann mu na goireasan a bhiodh san sgoil is dè na goireasan a bhiodh daoine ag iarraidh.

"Tha tòrr ag ùisnicheadh na Gàidhlig anns na sgoiltean a th' ann mar thà - agus tha feadhain eile nach eil ga cleachdadh idir - ach dhan fheadhainn eile a tha ga cleachdadh tha i cudromach dhaibh agus tha sinn an dòchas gun cum a' chomhairle seo suas.

"S e a-niste faighinn a-mach càite bheil dùil aca an sgoil a chur agus ciamar a bhiodh a' chlann siubhail dhan àite ùr", thuirt i.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.