Co-chomairleachadh ùr aig CNES

  • 9 Am Faoilleach 2013
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Coinnichidh a' Chomhairle gus am buidseat a stèidheachadh air an 14mh den Ghearran.

Thòisich Comhairle nan Eilean Siar (CNES) air sreath ùr de choinneamhan poblach is iad a' gluasad nas fhaisge air buidseat 2013-2015 a stèidheachadh.

Chuir an t-ùghdarras ionadail rompa an toiseach £6.1m a chùmhnadh thairis air an ath dhà bhliadhna.

Tha iad an dùil £400,000 a chùmhnadh tro shàbhalaidhean ann an HR.

Thuirt CNES cuideachd gun tàinig orra na sàbhalaidhean a dh'fheumas iad a ghearradh le stiùireadh ionmhais faiceallach agus le airgead a thàinig air ais thuca à staing a' BhCCI.

Mar sin, às dèidh dhaibh dearbhadh fhaighinn air an airgead a gheibh comhairlean na dùthcha bho Riaghaltas na h-Alba, tha CNES a-nise ag amas air £4.885m a chùmhnadh.

Nochd mu 500 duine aig streath choinneamhan air feadh nan Eilean Siar san t-Samhain.

Choinnich a' Chomhairle a-rithist san Dùbhlachd is dh'aontaich buill air na molaidhean deireannach 'son £4.885m a shàbhaladh.

Molaidhean

'S ann air na molaidhean sin a bhios am poball a' beachdachadh aig na coinneamhan a leanas:

  • Dimàirt 15mh an Dùbhlachd, Sgoil Sir E Scott, An Tairbeart, 7:30f
  • Diardaoin 17mh an Dùbhlachd, Talla Bhaile Steòrnabhaigh, 7:30f
  • Dimàirt 22mh an Dùbhlachd, Ionad Coimhearsnachd Bhaile Ailein, 7:30f
  • Dimàirt 29mh an Dùbhlachd, Talla Bharbhais, 7:30f
  • Diardaoin 31mh an Dùbhlachd, Ionad Coimhearsnachd Ùige, 5:30f
  • Diardaoin 31mh an Dùbhlachd, Ionad Coimhearsnachd Bheàrnaraigh, 8:00f

Faodar sùil agus beachd a thoirt cuideachd air na molaidhean tro làrach-lion CNES, no le beachd a chur air post-d gu budgetconsultation@cne-siar.gov.uk no le a bhith a' sgrìobhadh gu CNES.

Coinnichidh a' Chomhairle gus am buidseat a stèidheachadh Diardaoin an 14mh den Ghearran is mar sin feumaidh beachdan a bhith a-staigh aca air air 1mh den Ghearran.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile