Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Uisge-beatha

Thuirt Comann Uisge Beatha na h-Alba gur e goraiche eaconomach a th' ann am moladh gum biodh cìs ùr air an uisge-bheatha. Ann am program telebhisean a bhios air a' BhBC a-nochd, tha feadhainn a bha nan comhairlichean eaconomach do Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun togadh cìs £1 air gach botal, billean not. Thuirt Comann an Uisge-Bheatha gum milleadh sin an gnìomhachas Albannach ann am farpais chruaidh eadar-nàiseanta agus gum fàg e gnìomhachasan eile cuideachd den bheachd gun tèid tuilleadh chìsean orra ma tha iad a' soirbheachadh.

Faslane

Thuirt Cathraiche Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Taigh nan Cumantan, Iain Davidson, gum feum riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba a bhith nas fhosgailte mu dè thachras aig Faslane air Chluaidh, far a bheil armachd-niuclasach Trident stèidhichte, ma 's e agus gum bhòt Alba airson neo-eisimeileachd. Thuirt riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-raoir nach dèan iad planaichean ron referendum an ath-bhliadhna - ach gu bheil fhios aca gun cosgadh e na billeanan not agus gun toireadh e bliadhnaichean mòra an làrach a ghluasad. Tha an SNP ag iarraidh a h-iurchairean niuclasach a ghluasad ach Faslane a chumail dhan chabhlachd airm abhaisteach.

Stagecoach

Tha Stagecoach, a' chompanaidh bhus a tha stèidhichte ann am Peairt, air cùmhnant luach £75m ainmeachadh airson 430 bus ùr, a' mhòr-chuid dhiubh a thèid an togail agus a bhios a' siubhal air seirbhisean an am Breatainn. Bidh companaidh Alexander Dennis anns an Eaglais Bhric a' togail 350 dhiubh.

Béal Feirste

Chaidh Bratach an Aonaidh a thogail os cionn talla a' bhaile ann am Béal Feirste an diugh airson a' chiad thuras bho cho-dhùin comhairle a' bhaile anns an Dùbhlachd nach biodh i ann cho tric 's bha. Tha àimhreit agus foirneart air a bhith ann bhon uairsin air sràidean taobh sear Bhéal Feirste. Chaidh a' bhratach a thogail an diugh airson co-là breith Bana Dhiùc Chambridge. Thuirt Comhairle Bhéal Feirste gu bheil iad air ochd latha deug sa bhliadhna a chomharrachdh air am bi a' bhratach a-mach.

Coinneamh Uibhist

Bidh coinneamh phoblach ann an Uibhist a Tuath a-nochd a thomas taic airson bun-sgoil ùr san eilean an àite na trì a th' ann an-dràsta. Tha am plana a' crochadh air dùnadh sgoiltean ann an Càirinis, Loch na Madadh agus Paibil ach tha ceistean ann mu làrach na sgoile ùr. Tha an comhairliche ionadail, Uisdean Robasdan, ag ràdh gur e làrach faisg air a' Chlachan a b'fheàrr. Bidh a' choinneamh ann an Talla Chàirinis aig 7.30 a-nochd.