Dragh mun uisge ann an Slèite

  • 9 Am Faoilleach 2013
Loch MhicIlleMhìcheil
Image caption 'S ann à Loch MhicIlleMhìcheil a tha uisge Shlèite a' tighinn.

Tha muinntir Shlèite san Eilean Sgitheanach a' sireadh barrantais bho Uisge na h-Alba gum bi uisge glan agus gu leòr dheth aca san àm ri teachd.

Chan eil ach aon loch a-nis a' frithealadh na sgìre agus goirid ron bhliadhna ùir b'fheudar tancairean mòra uisge a bharrachd a thoirt a-steach.

Choinnich Comhairle Coimhearsnachd Shlèite oidhche Mhàirt agus cho-dhùin iad gun sgrìobhadh iad gu àrd-stiùirichean Uisge na h-Alba.

"'S e loch gu math beag a tha ann an Loch MhicIlleMhìcheil agus chan eil sinn a' creidsinn gu bheil uisge gu leòr innte a riaraicheas na bhios sinn ag iarraidh ann an Slèite anns na bliadhnaichean a tha romhainn, agus gu h-àraidh nuair a tha sinne a' bruidhinn air baile ùr a thogail anns a' Chille Bhig," thuirt fear de bhuill na Comhairle, Ruairidh Moireach.

"Cuideachd tha trioblaid mhòr air a bhith ann anns na seachdainean a dh'fhalbh gun robh salachair a' dol a-steach dha na h-innealan a bha a' glanadh an uisge agus stad na h-innealan a bhith ag obrachadh builleach glan.

"Iongantach"

"'S e rud iongantach a th' ann gum feum iad a bhith a' toirt uisge a-steach às àiteachan eile an dèidh na bh' againn de dh'uisge an seo bho chionn dhà no trì seachdainean.

"Tha uisge gu leòr againn ann an Slèite, lochan mòra gu leòr, agus tha iad a' feuchainn a-nise ris an uisge a thoirt às an loch as lugha a th' ann agus as eu-comasaich air an sgìre a fhrithealadh," thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach nach eil earbsa aig na Slèitich ann an Uisge na h-Alba agus gum biodh iad deònach Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a chleachdadh airson faighinn gu bun na cùise.

Thog croitearan na sgìre dragh cuideachd gu bheil a' bhuidheann a' dèanamh sgrios air an fhearann nuair a tha iad ag obair air na làraich aca.

Thuirt oifigear-naidheachd Uisge na h-Alba gur e slàinte an luchd-cleachdaidh an rud as cudromaiche dhaibh agus gur e sin as coireach gun robh aca ri uisge a thoirt a-steach dhan sgìre.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil dà phròiseict fa leth san amharc aca a thaobh Ionad-Uisge na Teangaidh.

Pìob

Tha iad am beachd pìob ùr a chur an sàs eadar Loch MhicIlleMhìcheil agus an t-ionad is iad ag ràdh gu bheil an tè a th' ann ro bheag.

Cuiridh iad cuideachd uidheamachd ghiollachd ùr an sàs ann an togalach ùr aig an ionad.

Thuirt Uisge na h-Alba gun dèilig na leasachaidhean seo ris na trioblaidean a tha air nochdadh le seirbheis an uisge ann an Slèite bho chionn ghoirid.

Thuirt iad cuideachd gun deach Ionad-Uisge na Teangaidh a dhealbh gus am biodh e comasach air dèiligeadh ri leasachaidhean taigheadais san sgìre coltach ri pròiseict na Cille Bige.

Gheall a' bhuidheann gun dèan iad obair air na rathaidean a tha iad a' cleachdadh son na làraich aca a ruighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile