Luach ga chur air Òrain Uibhist

Uibhist a Deas Bidh Uibhist am measg grunn sgìrean timcheall na h-Eòrpa a bhios nam pàirt den phròiseict.

Thèid rannsachadh a dhèanamh air an àite aig òrain Ghàidhlig Uibhist sa choimhearsnachd mar phàirt de phròiseict Eòrpaich.

'S i pròiseict eadar-nàiseanta a th' ann an Òrain Thraidiseanta na h-Eorpa, is i cuideachd a' toirt a-steach òran bhon Fhionnlainn, Estonia agus on Bhreatainn Bhig.

Chuir an fheadhainn a th' air cùlaibh na pròiseict fios air Ceòlas ann an Uibhist feuch am biodh na h-Uibhistich dèonach a dhol an sàs.

'S iad a bha agus tha Ceòlas a-nise a' lorg barrachd dhaoine a chuidicheas leis an rannsachadh.

"Bidh a' phròiseict a' coimhead air cho cudromach 's a tha òrain ann an coimhearsnachd agus gu h-àraidh ann an coimhearsnachd a tha caran fada air falbh bho mheadhan dùthcha agus a tha caran aonarach, mar a tha seo," thuirt Màiri NicAonghais bho Cheòlas.

"S e cothrom math a th' ann air sàilleabh tha fios aig a h-uile duine an t-àite sònraichte a bh' aig Uibhist a thaobh òran anns na linntean a chaidh seachad agus cho feumail 's a bha sin a thaobh coimhearsnachd a thoirt còmhla," thuirt i.

Spèis

Bidh a' phròiseict a' coimhead ri òrain a tha fhathast beò sa choimhearsnachd agus thèid spèis a thoirt do na bàird bhaile cho math ri feadhainn a tha beagan nas cliùitiche.

Chaidh triùir fhastadh mar thà 'son an rannsachadh a dhèanamh agus thathas a-nise a' lorg dithis eile a chumas taic riutha.

"'S e dà dhreuchd phàirt-ùine a bhios ann - aon duine a bhiodh a' stiùireadh na pròiseict agus duine eile a bhiodh a' cur taic a thaobh rianachd," thuirt Màiri NicAonghais.

"Tha ceanglaichean mòra ann ris na dùthchanan eile agus tha co-labhairtean mu dhèidhinn òran agus an t-àite cudromach a th' aig òrain ann an cultar rin cumail ann an Uibhist agus anns na dùthchanan eile," thuirt i.

Thathas an dòchas gum bi leabhar is CD is fiù 's taisbeanadh ann air a' cheann thall.

Tha an dà obair a-nis gan sanasachd agus bidh agallamhan ann ro dheireadh na mìos.

Gheibhear barrachd fhiosrachaidh air làrach-lion Cheòlais.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.