Riaghaltas "a' trèigsinn cruth-tìre na h-Alba"

Crainn-ghaoithe Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt subsadaidh do thuathan-gaoithe.

Tha am fear-togail dhealbhan, Colin Prior, air càineadh a dhèanamh air mar a tha ceadan gan toirt do thuathan-gaoithe ann an Alba.

A' bruidhinn aig toiseach Bliadhna na h-Albann Nàdarra, anns a bheil na dealbhan aige de chruth na tìre gan cleachdadh, thuirt Mgr Prior nach bu chòir do Riaghaltas na h-Alba poileasaidh "Klondike" a bhith aca a thaobh cumhachd na gaoithe.

Thuirt Mgr Prior nach b'urrainn dha a' chuid as motha de na dealbhan ainmeil a thog e thar a' 25 bliadhna mu dheireadh a thogail an-diugh gun bathair-bog a chleachdadh airson na crainn-ghaoithe a thoirt a-mach àsta.

"Chan ann a' càineadh na tha VisitScotland a' dèanamh, no nach eil iad a' dèanamh le Bliadhna na h-Albann Nàdarra a tha mi idir," thuirt Mgr Prior.

Buaireadh

"Ach thar nam bliadhnaichean, tha na tha a' tàladh dhaoine a dh'Alba air fàs gu math soilleir dhomhsa.

"A dh'aindeoin na thathas ag ràdh mu na tha Alba a' tabhainn, 's e na rudan nach eil an dùthaich a' tabhainn as tarraingiche dhaibh.

"Gu bho chionn glè ghoirid, b' e cruth-tìre na h-Alba àite far am faodadh duine teiche à leasachadh agus malairteachd.

Start Quote

Tha na crainn-ghaoithe mar thà air beachd choigreach air Alba atharrachadh”

End Quote Colin Prior Fear-togail Dhealbhan

"Gleanntan falamh agus tràighean iomallach far am faoidte, le taghadh ceart, là a chur seachad gun tachairt ri duine - cho gann 's a tha an cothrom sin anns a' chuid as motha den Roinn Eòrpa.

"'S tric a bhios mi a' coinneachadh ri feadhainn às an Fhraing no an Eadailt a tha a' fuireach faisg air na h-Alpaichean, agus a bhios a' tadhail air Alba gach bliadhna airson aon rud - fois.

"'S e rud a tha iad ag iarraidh a sheachnadh a th' anns na lioftaichean-sgìthidh, bothain-beinne, soidhnichean, ceuman-coiseachd agus slòigh mhòra, agus bheir iad Alba orra - far an robh grunn mòr àiteachan gun bhuaireadh sam bith.

"Chan eil sin fìor tuilleadh - tha na crainn-ghaoithe mar thà air beachd choigreach air Alba atharrachadh.

Brosnachadh Mòr

"Chan eil teagamh nach fheum sinn cumhachd ath-nuadhachail a lorg, ach chan eil mi cinnteach gum b'fhiach a bhith a' còmhdachadh na h-Alba le crainn-ghaoithe a bhios a' faighinn subsadaidh.

"'S ann a thrèig Riaghaltas na h-Alba cruth-tìre na dùthcha airson nan ginealaichean a tha ri teachd," thuirt e.

Chaidh Riaghaltas na h-Alba às àicheadh nan casaidean, agus iad ag ràdh gu bheil barrachd is barrachd luchd-turais a' tadhail air Alba, agus gun do sheall rannsachadh a rinn VisitScotand nach eil tuathan-gaoithe a' cur a' chuid as motha de dhaoine dheth.

"Tha Riaghaltas na h-Alba gu daingeann airson 's gun soirbhich gu mòr le gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail agus gnìomhachas na turasachd taobh ri chèile, ann an dòigh sheasmhaich," thuirt tè-labhairt don Riahgaltas.

"Bidh Bliadhna na h-Albann Nàdarra na brosnachadh mòr do shluagh na dùthcha, agus luchd-tadhail, gus tlachd a thoirt à sàr-bhòidhchead nàdarra na h-Alba," thuirt i.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.