94 pàiste san Sgoil-àraich aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis Tòisichidh 94 pàiste anns a' sgoil-àraich an t-seachdain seo.

Le 94 pàiste a' tòiseachadh aig sgoil-àraich Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis Dimàirt na seachdain seo, b'fheudar dhan Chomhairle rùm fhaighinn air màl aig togalach eile faisg air làimh, leis nach robh àite gu leòr aca dhan a h-uile duine.

Aig ìre sgoil-àraich bidh clann a' tighinn a-steach as ùr dà thuras sa bhliadhna: san Lùnastal agus san Fhaoilleach.

Aig an àm seo an-uiridh bha 70 san sgoil-àraich agus a-nise tha 24 a bharrachd ann.

Leudachadh

Bha 97 sgoilear sa bhun-sgoil nuair a dh'fhosgail i ann an 2007 bho chionn còig bliadhna gu leth.

Tha na h-àireamhean a tha a' dol innte an t-seachdain seo mar dhearbhadh, a' dh'aindeoin 's gu bheil buaireadh air a bhith a' cuairteachadh na sgoile leis gu bheil e air faileachadh air an ùghdarras ionadail ceannard làn-ùine fhastadh, nach eil e a' cur stad air pàrantan an cuid chloinne a chur innte.

Chan eil ach dà bhliadhna bho chaidh dà sheòmar a chur ris a' bhun-sgoil fhèin, leis na h-uiread de chloinn ùra a' tighinn innte agus tha an sgoil-araich a-nise loma làn.

Tha dà sheisean aig an sgoil-àraich a h-uile là - aon sa mhadainn agus fear eile feasgar.

Rùm air màl

A thaobh riaghailtean slàinte is sàbhailteachd aig a bhun-sgoil, chan eil e ceadaichte ach 40 duine cloinne a bhith ann an clas na maidne agus 30 duine cloinne a bhith ann feasgar.

Le 24 pàiste a' bharrachd, b'fheudar dhan Chomhairle rùm a ghabhail air màl bho Ionad Crìosdail Chùl Daothail a tha gu math faisg air làimh.

Dh'fhaodadh seo a bhith a' ciallachadh gum bi tidsear a bharrachd a dhìth, ach chan eil sin buileach soilleir fhathast.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.