Fianais shaidheansail "a' cur an aghaidh SAC Chaolas Bharraigh"

Caolas Bharraigh Tha Ministear na h-Àrainneachd a' beachdachadh air ath-sgrùdadh air an fhianais shaidheansail an-dràsta.

Tha a' bhuidheann SHAMED, a tha a' strì an aghaidh sgìre ghlèidhte SAC ann an Caolas Bharraigh, ag ràdh gum bu chòir do dh'ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air fianais shaidheansail SNH, toirt air an riaghaltas cùl a chur ris a' phlana.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba an t-ath-sgrùdadh an dèidh do luchd-iomairt dragh a nochdadh mun rannsachadh shaidheansail a rinn a' bhuidheann san sgìre.

Tha an t-ath-sgrùdadh sin aig Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse a-nis, agus tha dùil ri co-dhunadh mun sgìre ghlèidhte fhèin an ceann cola-deug.

Tha SHAMED ag ràdh gun d'fhuair iad fiosrachadh tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a tha a' sealltainn gun robh an Riaghaltas an sàs ann an dealbhachadh na h-argamaid airson SAC a stèidheachadh bho 2004, seach a bhith fa-leth bhon phròiseas.

Geòidh Ghlasa

'S ann gus ròin, bacan gainmhich agus sgeirean mara a dhìon a tha SNH a' moladh SAC a stèidheachadh.

Bha a' bhuidheann ag iarraidh gun deadh làn-rannsachadh a dhèanamh air SNH, agus dragh orra mu dhòighean-obrach na buidhne. Ach dhiùlt an riaghaltas sin a chur an sàs.

Start Quote

Às dèidh 50 bliadhna de glèidhteachas, chan eil geòidh ghlasa sam bith a' tighinn beò aig Loch Druidibeag”

End Quote Aonghas MacLeòid Cathraiche SHAMED

Tha na teagamhan a tha SHAMED a' togail mu shaidheans SNH stèidhichte air mar a dh'èirich do dhà sgìre ghlèidhteachais eile air a' chosta an iar - Eilean Rùim, agus Loch Druidibeag ann an Uibhist a Deas.

"Tha Eilean Rùim air a bhith ann an làmhan SNH bho 1958, airson glèidhteachais stàite," thuirt Cathraiche SHAMED, Aonghas MacLeòid.

"On uair sin chaidh an t-eilean mòr seo a chleachdadh mar dheuchainnlann mhòr phrìobhaideach, gu h-àraid airson na fèidh ruadha a sgrùdadh.

"Ach cha chuala mi thuige seo gu bheil meas no luach anns an obair seo do luchd-manaidearachd fhiadh ann an Alba."

"Cuideachd, rinn seann Chomhairle a' Ghlèidhteachais Nàdair (NCC) Loch Druidibeag ann an Uibhist a Deas na Tèarmann Nàdair Nàiseanta (NNR) le inbhe SSSI ann an 1958, leis an amas - a tha a-nis fo sgèith SNH - a bhith a' dìon a' cholonaidh as motha de gheòidh ghlasa dhùthchasach ann am Breatainn, anns an robh 30-50 pàidhir, agus a bha faisg air a dhol à bith aig an àm.

"Às dèidh 50 bliadhna de glèidhteachas, chan eil geòidh ghlasa sam bith a' tighinn beò aig Loch Druidibeag, agus tha an loch air an inbhe NNR aige a chall.

"Aig a' choinneimh far an do dh'aontaicheadh sin a dhèanamh, chaidh a ràdh: "chan eil geòidh ghlasa nan adhbhar prìomhachais airson glèidhteachais sna h-Eileanan Siar tuilleadh, agus chaidh an toirt a-mach à cùmhnantan an SSSI ann an 2009."

Caochladh Bheachdan

"'S i fìrinn na cùise gu bheil na geòidh a-nis nam plàigh sna h-Eileanan Siar ri linn 's nach do chùm na h-ùghdarrasan smachd orra aig ìre thràith.

"A dh'aindeoin 's gu bheil iad nam plàigh ann an Uibhist, cha bhi iad a' dol faisg air talamh a tha ga ruith le SNH.

"Ach chan eil seo na adhbhar dragh do SNH. Cha do rinn iad ach inbhe NNR a thoirt bho Loch Druidibeag, agus na facail ann an cùmhnant an SSSI atharrachadh, gus nach eil iomradh ann tuilleadh air geòidh ghlasa.

Start Quote

Chan eil sinn den bheachd gu bheil adhbhar ann sgrùdadh nas fharsainne a dhèanamh”

End Quote Riaghaltas na h-Alba

"Tha na dearbh dhaoine a-nis ag iarraidh oirnne creidsinn gur iad a b'fheàrr airson ròin, bacan gainnmhich agus sgeirean a ghlèidheadh!" thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid cuideachd ag ràdh gur ann a' tuiteam a tha àireamhan nan ròn ann an Caolas Bharraigh, agus gu bheil sin a' lagachadh na h-argamaid airson SAC a stèidheachadh.

Thuirt labhraiche às leth Riaghaltas na h-Alba: "Tha caochladh bheachdan air tighinn am bàrr ri linn an SAC a thathas a' moladh ann an Caolas Bharraigh, le feadhainn aca a' togail ceist mun mheasadh shaidheansail a rinneadh air an làraich.

"'S e sin as coireach, mus dèanar co-dhùnadh deireannach, gun do dh'iarr Ministear na h-Àrainneachd gun deadh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air an argamaid shaidheansail. Ach chan eil sinn den bheachd gu bheil adhbhar ann sgrùdadh nas fharsainne a dhèanamh.

"Tha an t-ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a-nis dèante, agus tha Mgr Wheelhouse a' beachdachadh air an-dràsta. Tha dùil ri co-dhùnadh deireannach a dh'aithghearr."

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.