Dithis sa chùirt an Glaschu

  • 7 Am Faoilleach 2013

Nochd dithis a tha fo chasaid gun do mhurt iad Liam Aitchison ann an Leòdhas ann an 2011 anns a' chùirt ann an Glaschu Diluain.

Tha Jonatan MacFhionghain, a tha 22, às Eilginn agus Stefan Millar, a tha 21, às Inbhir Nis fo chasaid gun do mhurt iad Liam, a bha 16, ann a Steinnis air iomall Steòrnabhaigh san t-Samhain 2011.

Chaidh an dithis as àicheadh nan casaidean aig èisteachd sa chùirt an-uiridh.

Tòisichidh a' chùis lagh fhèin air an 25mh den ath-mhìos.