Barrachd a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe

  • 7 Am Faoilleach 2013
Duine ag òl
Thuirt na poilis gun tàinig am poball air adhart le fiosrachadh mu dhaoine a bha a' dràibheadh fo bhuaidh na dìbhe no drugaichean.

Thàinig àrdachadh san àireamh de dhaoine aig tuath a ghlac na poilis is iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe no drugaichean thairis air àm na nollaig.

Anns a' mhìos a chaidh seachad chaidh 40 dràibhear a ghlacadh.

Ann an 2011 chaidh 38 duine a chur an grèim agus 35 ann an 2010.

Thuirt ceannard nan rathaidean aig Poilis a' Chinn a' Tuath, Niall Lumsden, gur e bristeadh-dùil mòr a th'anns na h-àireamhan

Thuirt Mgr Lumsden gun do chuir na dràibhearan iad fhèin agus am poball ann an cunnart am beatha.

Thug e taing dhan phoball o chionn 's gur ann bhuapasan a thàinig am fiosrachadh mun chuid as motha de na cùisean.