Làraidh air a dhol na smàl air an A9

  • 4 Am Faoilleach 2013

B' fheudar dhan na seirbheisean èiginn pàirt dhen A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt a dhùnadh às dèidh do làraidh a dhol na smàl aig an Drochaid Mheatailt, mu leth-mhìle deas air an t-Slochd.

B' ann anmoch oidhche Dhiardaoin a chaidh an làraidh na teine.

Chaidh seann rathad an A9, a tha a' ruith fon drochaid, cuideachd a dhùnadh ri linn na tubaist.

Bha slighe eile air a comharrachadh do dhràibhearan - tro Bhaile nan Granndach.

Chaidh an rathad fhosgladh a-rithist do chàraichean agus bhanaichean mu 0900 Dihaoine, ged a dh'fheumadh làraidhean HGV fhathast am pìos sin dhen rathad a sheachnadh.