Seirbheisean slàinte inntinn eileanach

  • 4 Am Faoilleach 2013

Cuiridh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar co-chomhairleachadh poblach air bhog tràth sa Bhliadhna Ùir 's iad a' sireadh beachd an t-sluaigh air mar as fheàrr seirbheisean slàinte inntinn a thoirt seachad anns an sgìre.

Chaidh coinneamhan poblach a chumail ann an Leòdhas, ann an Uibhist agus ann am Barraigh aig toiseach 2012 far an robh cothrom aig daoine beachdachadh air trì diofar roghainnean a bheireadh atharrachadh air an t-seirbheis.

'S e an treas roghainn, a dh'fhàgadh gur ann sa choimhearsnachd seach ann an ospadalan a dheadh tuilleadh sheirbheisean slàinte inntinn a thoirt seachad, a bu mhotha a fhuair taic.

Co-chomhairleachadh

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gu robh aca ri beagan a bharrachd obrach a dhèanamh air na planaichean sin mus tòisicheadh co-chomhairleachadh poblach orra.

Mairidh an co-chomhairleachadh poblach trì mìosan.

Thathas ag iarraidh air luchd-cleachdaidh nan seirbheisean, luchd-cùraim, feadhainn a tha ag obair le daoine aig a bheil trioblaidean slàinte inntinn agus am poball am beachdan a thoirt seachad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile