Seirbheisean gan lìbhrigeadh le buidhnean coimhearsnachd?

  • 4 Am Faoilleach 2013
Prìomh oifisean Chomhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gur ann mu bhith a' caomhnadh airgid a tha na planaichean

Tha cothrom ga thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd, cuid de sheirbheisean a tha an-dràsta gan ruith leis a' Chomhairle ionadail, a ghabhail os làimh iad fhèin.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air stòras a chuir air dòigh airson maoineachadh, suas ri £1m sa bhliadhna, a thoirt do chomhairlean coimhearsnachd agus buidhnean iomairt ionadail a bhiodh deònach seirbheisean a thoirt seachad iad fhèin.

Dh'fheumadh na buidhnean a bhith comasach air an t-seirbheis a thoirt seachad nas saoire, neo seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad air an aon phrìs.

Beachdan

Tha a bhith a' gearradh an fheòir, agus a bhith a' coimhead as deidh ionadan coimhearsnachd a-measg nam molaidhean a chaidh a chuir air adhart mar-thà, ach tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum biodh iad deònach coimhead ri beachdan sam bith.

Bidh panal de chomhairlichean an uair sin a' taghadh dè na molaidhean a bhiodh freagarrach.

Thuirt Cathraiche na buidhne sin, An Comh. Dàibhidh Alston, gun neartaich seo coimhearsnachdan ionadail agus nach ann mu bhith a' caomhnadh airgid a tha na planaichean.

Thuirt e cuideachd nach robh e an dùil gun toireadh an t-atharrachadh lùghdachadh air àireamh luchd-obrach na Comhairle fhèin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile