Sgeama thuiltean Inbhir Nis

  • 3 Am Faoilleach 2013
Caisteal Inbhir Nis
Image caption Cosgaidh an sgeama cha mhòr £25m

Tòisichidh obair às ùr Diluain air an obair-ullachaidh airson sgeama a tha ag amas air baile Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean.

Cuiridh an sgeama, a chosgas £24.75m, dìon air ochd ceud dachaigh, agus dà cheud gnìomhachas a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart bho thuiltean.

'S iad Douglas Row agus Sràid Hunndaidh a bhios aig meadhan na h-obrach an t-seachdainn sa tighinn.

Parcadh

Bidh Douglas Row dùinte do charbadan airson co-dhiù seachdainn fhad 's a thathar ag obair air siostam a' ghas.

Bidh àitean parcaidh eile ri fhaighinn do chàraichean air Sràid Ghlebe agus air Sràid nam Manach.

Bidh Sràid Hunndaidh, eadar Sràid Ghreig agus Sràid Chelt, dùinte do charbadan bhon 7mh là dhen Fhaoilleach chun 22mh là.

Bidh e fhathast fosgailte do dhaoine air chois.

Fhad 's a tha an obair a' leantainn, cha bhi àitean parcaidh far am bithear a' cur airgid a-steach gu inneal ri fhaighinn air Sràid Hunndaidh agus 's iad a-mhàin daoine le cead-parcaidh a dh'fhaodas an càraichean aca fhàgail air an t-sràid.

'S e a' chompanaidh Coffey Construction a fhuair an cùmhnant airson na h-obrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile