Tubaist-rathaid an Inbhir Nis

  • 3 Am Faoilleach 2013

Chaidh aon duine a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist-rathaid ann an meadhan Inbhir Diciadainn.

Chaidh dà chàr - Fiat Punto le dath airgid agus Skoda Fabia dubh - an lùib a chèile aig a' cheann-rathaid far a bheil Sràid na Drochaid, Rathad a' Chaisteil, Sràid a' Bhanca agus Drochaid Nis a' tighinn còmhla.

Thachair an tubaist beagan ro 11f.

Chaidh dràibhear am Fiat Punto a thoirt dhan ospadal 's coltas ann gun deach a dhroch ghoirteachadh.

Cha deach an fheadhainn a bha a' siubhail anns a' chàr eile a ghoirteachadh idir.

Tha Polais a' Chinn a Tuath ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist fònadh thuca air 01463 715555.