Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Afganastan

Tha an àireamh de shaighdearan Afganach a tha air am beatha a chall an dèidh a dhol an àirde gu mòr bho ghabh iad tèarainteachd na dùthcha thairis. Chaidh còrr air mìle saighdear a mharbhadh am bliadhna - agus tha sin suas an còigeamh cuid air an-uiridh.

Iorac

Chaidh còrr air deichnear a mharbhadh ann an sreath de dh'ionnsaighean ann an Iorac. B'e poilis a bh'ann an triùir aca agus chaidh seachdnar bhon aon teaghlach a mharbhadh cuideachd.

Na Stàitean Aonaichte

Bidh ceannardan poileataigeach Ameireagaidh a' coinneachadh an-diugh is là aca airson a thighinn gu aonta is stad a chur air àrdachadh ann an cìsean agus gearraidhean a dh'fhaodadh an eaconomaidh a chur air ais ann an crìonadh. Tha cunnart ann gun tèid an dùthaich thairis air rud ris an canar am "fiscal cliff".

Hilary Clinton

Tha Rùnaire Stàite Ameireagaidh, Hilary Clinton, anns an ospadal ann an New York. Thuirt dotairean gun dh'fhulaing i meall fala a tha ceangailte ri mar a thuit i na bu tràithe air a' mhìos. Mhothaich doctairean dhan mheall is iad a' dèanamh deuchainnean oirre an-dè.

Ionnsaigh

Tha na poilis an Obar Dheathain an sàs ann an sgrùdadh às dèidh mar a chaidh ionnsaigh a thoirt air dithis fhireannach ann an uairean beaga na maidne an-dè. Thug triùir ionnsaigh air na fir, a tha 28 agus 30, air Sràid Portland. Cha deach an goirteachadh ro dhona ge-tà. Chaidh a ràdh gun robh na fireannaich a thug an ionnsaigh orra eadar 21 agus 40 bliadhna a dh'aois. Tha na poilis ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart.

Sreapadair

Dh'ainmich na poilis an duine a bhàsaich às dèidh dha tuiteam is e a' sreap anns a' Chuilthionn san Eilean Sgitheanach. B' e Graham Greig Paterson, 60, à Càrbost. Chaidh Mgr Paterson, a chaidh a dhìth Diardaoin, a lorg marbh Disathairne.

Màrtainn MacAonghais

Tha Màrtainn MacAonghais aig Sinn Fein air a dhreuchd a leigeil dheth mar Bhall Pàrlamaid airson Meadhan Ulaidh. Thuirt e gum bi an làn aire a-nis air a bhith na Leas Phrìomh Mhinistear airson Èirinn a Tuath. Bha e na Bhall Pàrlamaid airson còig bliadhna.

Pàrtaidh

Tha Dùn Èideann a' dèanamh deiseil airson pàrtaidh sràide na Bliadhna Ùire. Tha dùil gum bi timcheall air 75,000 duine aig a' phàrtaidh agus gun cruthaich e teachd a-steach de £27m.