Urraman na Bliadhna Ùire

Tha grunn dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean a-measg na chaidh ainmeachadh air Liosta Urraman na Bliadhna Ùire.

Chaidh urram OBE a bhuileachadh air Mamie NicLeòid airson na rinn i dhan bhuidhinn-charthannais Save the Children ann an Steòrnabhagh agus air Jessie Colquhoun, a bha roimhe ag obair na nurs-coimhearsnachd ann an Aird nam Murchan.

Fhuair Àrd-oifigear Chaidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, Rory Mair a tha a' fuireach ann an Siorrachd Rois OBE agus chaidh an aon urram a bhuileachadh air Eannraig Caimbeul à Inbhir Lòsaidh a bha roimhe na àrd-shuperintendant air Misean nan Iasgairean.

Chaidh urram BEM a thoirt do Jessie NicNèill à Barraigh airson na rinn i as leth na coimhearsnachd.

Urraman Spòrs

Tha feadhainn a choisinn clìu dhaibh fhèin ann an saoghal an spòrs cuideachd a' faighinn urram bhon Bhan-rìgh.

Thèid CBE a bhuileachadh air an tè-iomraidh Katherine Granger a ghlèidh bonn òir anns na Geamaichean Oilimpiceach.

Tha am fear-baidhseagail Craig Mac Illeathain, a tha a' fuireach ann am Baile nan Granndach, agus am fear-iomraidh Dàibhidh Mac a' Ghobhainn à Baile Ùr an t-Slèibh le chèile a' faighinn MBE.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.