Sreapadair air ainmeachadh

  • 30 An Dùbhlachd 2012

Dh'ainmich na polais duine a chaochail às dèidh dha tuiteam is e a' sreap anns a' Chuilthionn mar Graham Greig MacPheadrais, 60, à Càrbost.

Chaidh Mgr MacPheadrais fhaicinn beò mu dheireadh Diardaoin.

Chaidh na polais, Feachd an Adhair, agus sgiobaidhean teasairginn an sàs gus lorg fhaighinn air ach chuir fìor dhroch shìde san eilean màill orra.

Chaidh corp Mhgr MhicPheadarais a lorg madainn Disathairne.

Bha e ag obair na neach-iùil anns na beanntan.

Thèid aithisg mu bhas a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.