Fear a dhìth sa Chuilthionn

  • 28 An Dùbhlachd 2012

Tha iomairt teasairginn air tòiseachadh a-rithist madainn Dihaoine airson fireannach a bha a' coiseachd anns a' Chuilthionn san Eilean Sgitheanach a lorg.

Chaidh fios a chur air na Poilis Diardaoin, nuair a thàinig brath gun deach fear a ghoirteachadh às dèidh dha tuiteam.

Bha na Poilis, Feachd an Adhair, agus sgiobaidhean teasairginn a' coimhead anns an sgìre gu 03:30m Dihaoine.