Seach-rathad an t-Sròim fosgailte

  • 27 An Dùbhlachd 2012
Loch Carrann
Image caption Tha amharas ann gum bi trioblaidean le maoim-sleibhe air rathad an t-Sròim a-rithist.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu tèid rathad an t-Sròim fhosgladh aig 5:00f Diardaoin.

Chaidh an t-seach-rathad air taobh siar Rois a dhùnadh as ùr air Là na Nollaige is maoim-slèibhe air tighinn a-nuas air.

Chaidh an rathad a dhùnadh fad ceithir mìosan toiseach na bliadhna às dèidh maoime-slèibhe eile a thàinig a-nuas goirid ron Nollaig an-uiridh.

Aig an àm sin chaidh bratan rubair a chur air an loidhne-rèile, gus trafaig a ghiùlain seachad air làrach na maoime-slèibhe.

Tha an rathad a' ruith aig bun bruaiche caise, leis an loidhne-rèile eadar an rathad agus cladach a deas Loch Carrann.

Tha dùil gun cosg e suas ri £109m gus an suidheachadh a rèiteachadh san ùine fhada.