Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stoirmean ann an Aimeireaga

Tha co-dhiù sianar air am beatha a chall ann an stoirmean dona anns na Stàitean Aonaichte. Tha tornadothan agus sneachda air sgrios a dhèanamh air stàitean anns a' cheann a deas agus meadhan na dùthcha. Tha còrr air 200,000 dachaigh gun dealan, agus chaidh na ceudan de sheirbheisean adhair a chur dheth. Tha an stoirm a' gluasad chun an ear-thuath, gus tha dùil ri faisg air troigh gu leth de shneachda bho Stàit New York gu New England.

Seirbheisean Aiseig

Aig an aon àm tha Cal Mac air rabhadh a thoirt seachad gur dòcha gum bi buaidh air seirbheisean thar an deireadh-sheachdain seo tighinn air sgàth ghèilltean, sin eadar a-màireach agus Là na Sàbaid. Tha iad a' moladh sùil a chumail air an làrach-lìn aca airson an fhiosrachaidh as ùire.

Bàs air Loidhne-rèile

Tha maill air seirbheisean rèile an dèidh mar a chaidh cuideigineach a bhualadh le trèana ann an Siorrachd Obar Dheathain. Thachair an tubaist eadar Dèis agus Inbhir Ùraidh an-diugh sa mhadainn. Dh'innis Scotrail gum biodh maill air cuid de sheirbheisean eadar na stèiseanan sin, agus gum faodadh gun tèid cuid de sheirbheisean a chur dheth.

Seach-rathad an t-Sròim

Dh'fhaodadh gun tèid rathad a chruthachadh a-rithist air an loidhne-rèile ri taobh seach-rathaid an t-Sròim gus am faigh daoine air an rathad a chleachdadh. Chaidh an t-seach-rathad air taobh siar Rois a dhùnadh às ùr air Là na Nollaige, às dèidh maoime-slèibhe, agus tha obair a' leantainn gus a fhosgladh a-rithist. Aig an ìre seo ge-tà, tha dùil gum bi e dùinte airson dhà no thrì làithean fhathast.

Creachain-teine

Chaidh colonaidh mòr de mhaorach tearc ris an canar creachain-teine a lorg ann an Loch Aillse. Bha eòlaichean a' rannsachadh na sgìre mar phàirt de sgeama gus an loch a chomharrachadh mar Sgìre Dìon Mhara (MPA). Thathas den bheachd gur e an colonaidh as motha de na creutairean a th' ann anns an t-Saoghal.

Bun-phrìs na Dibhe

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba freagairt a chur chun a' Choimisein Eòrpaich ro dheireadh an là an-diugh mu dheidhinn phlanaichean gus bun-phrìs a stèidheachadh airson deoch-làidir. Thuirt an Coimisean na bu thràithe sa bhliadhna gun robh grunn bhall den Aonadh Eòrpach air draghan a thogail mu na planaichean fo laghan farpais.

Julie Fowlis

Thug Pàrlamaid na h-Alba urram oifigeil don t-seinneadair Ghàidhealach Julie Fowlis airson na h-obrach a tha i a' dèanamh gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh. Chaidh cuideachd meal an naidheachd a chur oirre airson a' gheàrr-liosta de sheachd òrain a ruighinn airson duais Oscar air a' Bhliadhna Ùir, airson an òrain Bheurla aice Touch the Sky bhon fhilm Brave. Tha Julie air an liosta còmhla ri seinneadairean leithid Katy Perry, Jessi J, Scarlett Johannson agus òran bhon fhilm ùr Les Miserables.