Rathad an t-Sròim air an rèile a-rithist?

  • 27 An Dùbhlachd 2012
Rathad air an rèile
Chuireadh bratan rubair air an loidhne-rèile gus rathad a chruthachadh roimhe.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad deiseil airson rathad a chruthachadh a-rithist air an loidhne-rèile ri taobh seach-rathaid an t-Sròim ma 's e 's gum feum iad sin a dhèanamh.

Chaidh an t-seach-rathad air taobh siar Rois a dhùnadh as ùr air Là na Nollaige is maoim-slèibhe air tighinn a-nuas air.

Aig an ìre seo tha dùil gum bi e dùinte dhà no trì làithean fhathast.

Chaidh an rathad a dhùnadh fad ceithir mìosan toiseach na bliadhna às dèidh maoime-slèibhe eile a thàinig a-nuas goirid ron Nollaig an-uiridh.

Chaidh bratan rubair a chur air an loidhne-rèile an uair sin, gus trafaig a ghiùlain seachad air làrach na maoime-slèibhe.

Tha an rathad a' ruith aig bun bruaiche caise, leis an loidhne-rèile eadar an rathad agus cladach a deas Loch Carrann.

Tha dùil gun cosg e suas ri £109m gus an suidheachadh a rèiteachadh san ùine fhada.

Tha trafaig ga stiùireadh rathad eile fhad 's a tha an rathad dùinte, agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Trafaig Alba.