100 millean creachan-teine ann an Loch Aillse

Creachan-teine Bidh na creachain-teine a' cruthachadh neadan anns an tig creutairean eile beò.

Chaidh àireamh mhòr de mhaorach tearc a lorg air grunnd Loch Aillse.

Tha luchd-eòlais a' tomhas gu bheil suas ri 100,000,000 creachan-teine san sgìre - colonaidh a tha 's dòcha cho mòr 's a th' ann de na creutairean ann an àite sam bith.

'S ann air costa an iar na h-Alba as motha a tha iad rim faighinn, gu seachd àraid ann an Loch Carrann.

Bha eòlaichean bho Oilthigh Heriot-Watt air a bhith a' rannsachadh sgìrean far an gabhadh Sgìrean Dìon Mara (MPA) stèidheachadh, às leth Marine Scotland.

MPA

Tha planaichean ann na sgìrean sin a stèidheachadh thairis air sgìre de dh'uisgeachan na h-Alba a tha cha-mhòr an aon mheud ris an dùthaich fhèin.

Thuirt a' bhuidheann a tha a' cur air adhart a' mholaidh sin, an Scottish Environment LINK, gum biodh na sgìrean sin luach £10bn sa bhliadhna do dh'eaconamaidh na dùthcha.

Tha iasgairean air dragh a nochdadh mu na planaichean ge-tà.

Tha an colonaidh - a tha a' cruthachadh àrainneachd shònraichte do chreutairean eile - a' còmhdachadh mu 75 hectare de ghrunnd na mara, far chladach Bhaile Mac Ara.

Chan eil Sgìre Ghlèidhte Mhara (SAC) a th' ann an-dràsta a' gabhail a-steach na làraich.

Start Quote

Chan eil an SAC a th' ann gan gabhail a-steach, agus is math gu bheil an siostam-locha seo air fad air a mholadh mar MPA”

End Quote An Dr Richard Luxmoore Urras Nàiseanta na h-Alba

"B' e ar n-obair a bhith a' comhairleachadh mhinistearan an Riaghaltais a thaobh àiteachan a bhiodh freagarrach airson sgìrean MPA a stèidheachadh," thuirt Manaidsear an Sgrùdaidh Mhara aig Dualchas Nàdair na h-Alba, Ben James.

"Gus sin a dhèanamh, feumaidh sinn tuigsinn na th' ann an àrainneachd na mara.

"Fhad 's a bha clàran againn de chreachain-teine ann an Loch Aillse, cha robh foir againn gun robh an colonaidh cho mòr.

"Feumaidh sinn a bhith nas cinntiche fhathast mus mol sinn gun tèid an dìon gu sònraichte leis an MPA a tha san amharc san sgìre.

"'S math am fiosrachadh ùr seo a bhith againn, agus 's e eisimpleir eile a th' ann de cho pailt 's a tha àrainneachd mhara na h-Alba," thuirt e.

Chuir Àrd-chomhairliche Glèidhteachais Nàdair aig Urras Nàiseanta na h-Alba, an Dr Richard Luxmoore, fàilte mhòr air a' mholadh MPA a stèidheachadh.

"Tha sinn fìor thoilichte gun deach àireamh cho mòr de na creutairean iongantach seo a lorg faisg air Baile Mac Ara.

"Chan eil an SAC a th' ann gan gabhail a-steach, agus is math gu bheil an siostam-locha seo air fad air a mholadh mar MPA," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.