Seach-rathad an t-Sròim dùinte gach taobh

Bratan rubair gan cur air an loidhne-rèile gus càraichean a ghiùlain seachad air làrach na maoime-slèibhe an-uirridh. Bha an rathad dùinte ceithir mìosan às dèidh maoime-slèibhe eile aig àm na Nollaige an-uiridh.

Tha seach-rathad an t-Sròim dùinte gach taobh an dèidh maoim-slèibhe a thachair Là na Nollaige.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' rannsachadh an t-suidheachaidh.

Tha dùil gum bi an rathad dùinte trì no ceithir làithean.

Dhùin maoim-slèibhe aig àm na Nollaige an-uiridh an rathad fad ceithir mìosan, ag adhbharachadh gun do chuireadh an t-seann aiseag an sàs a-rithist thar a' Chaolais Charrannaich.

Chuireadh cuideachd bratan rubair air an loidhne-rèile ri taobh an rathaid gus càraichean a ghiùlain seachad air làrach na maoime-slèibhe.

Tha dùil gun cosg e suas ri £109m airson suidheachadh a rèiteachadh san ùine fhada.

Tha maoim-slèibhe cuideachd air rathad eile air Ghàidhealtachd a dhùnadh.

Tha an A897 eadar Bun Ilidh agus Ceann a' Bhràiste ann an Cataibh dùinte gach taobh às dèidh maoime-slèibhe a thachair air an deireadh-sheachdain.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Trafaig Alba.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.