Drogaichean luach £90,000 gan lorg air a' Ghàidhealtachd

  • 24 An Dùbhlachd 2012
Oifigearan Poilis Image copyright bbc
Image caption Tha dùil gun robh na drogaichean luach £90,000.

Tha Poilis a' Chinn a Tuath ag ràdh gu bheil iad air lorg fhaighinn air drogaichean mì-laghail luach còrr is £90,000 san sgìre.

Tha iomairt shònraichre aca air a bhith a' ruith sna seachdainean a dh'fhalbh, 's iad ag amas air luchd-reic nan drogaichean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.

Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath gu bheil iad air rèidean a chumail ann an 25 togalaichean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean san Dùbhlachd.

Chuir oifigear caochladh dhrogaichean mì-laghail an greim - a leithid cocaine, heroin, amphetamine, ecstasy agus canaib.

Neach-casaid a' Chrùin

Tha dùil gun robh na drogaichean a lorg iad luach còrr is £90, 000 nan robh iad air an reic am measg an t-sluaigh.

Thuirt oifigearan gun deach aithisgean mu 70 duine a chur do Neach-casaid a' Chruin agus gun deach 11 neach a chur fo chasaid gun robh iad a' reic dhrogaichean mì-laghail.

Thuirt an Detective Àrd-Inspector Marc MacAoidh gu bheil an iomairt shònraichte aca na dhearbhadh gu bheil iad ag amas air luchd-reic nan drogaichean, agus thug e taing dhan mhòr-shluagh airson fiosrachadh riatanach a thoirt seachad dhaibh.