Taigh-òsta Cholbhasa leis a' Choimhearsnachd

  • 24 An Dùbhlachd 2012
Colbhasa
Image caption Tha an taigh-òsta ga chumail a' dol le daoine saor-thoileach thar a' Gheamhraidh.

Ghabh muinntir Cholbhasa an aon taigh-òsta san eilean thairis rè ùine.

Bha dùil gum biodh e dùinte thar a' Gheamhraidh airson a' chiad uair riamh, a' fàgail an 120 eileanach gun bhàr.

Ach thàinig muinntir an eilein gu aonta leis an uachdaran, Ailig Howard, far am bi iad a' pàigheadh màl ìosail air an togalach, gus an cùm e fosgailte thairis air an Nollaig 's a' Chalainn.

Dh'fhosgail an taigh-òsta an toiseach ann an 1750.

'S ann san Òban, dà uair 's fichead mionaid air falbh thar an aiseig, a tha an taigh-òsta as fhaisge, air neo turas ann am plèana gu ruige Ìle.

Tha dithis air trèanadh fhaighinn airson am bàr a ruith agus mu fichead duine eile ag obair gu saor-thoileach a' toirt taic dhaibh.