Togail do Thaigh-staile na Hearadh

  • 21 An Dùbhlachd 2012
Na Hearadh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chan eil ach aon taigh-staile laghail eile anns na h-Eileanan Siar.

Tha pròiseact luach £10m airson a' chiad taigh-staile coimearsalta a thogail anns na Hearadh air togail fhaighinn, agus dà chompanaidh air taic a chur riutha.

Tha aon chompanaidh à Breatainn agus tè eile à Àisia deònach in-ionmhas a chur an sàs.

Eadar an dà chompanaidh, fhuiar am pròiseact £1.5m.

Tha seo a' fàgail gu bheil an t-iomhas cha-mhòr gu lèir ann an àite airson a dhol air adhart leis a' phròiseact.

'S ann air an Tairbeart a bhiodh an taigh-staile, a bhiodh a' dèanamh Mhic na Braiche.

Thuige seo chan eil ach aon taigh-staile laghail eile anns na h-Eileanan Siar.

Tha pròiseact na Hearadh ag amas air 20 cosnadh a chruthachadh, a thuilleadh air an togail a bheireadh e don turasachd san eilean.

Chaidh iarrtas cead-dealbhachaidh a chur a-steach airson an taighe-staile.

Tha dùil gum bi an t-ionmhas eile a tha a dhìth, mu £1.3m, ann an àite tràth an ath-bhliadhna, agus gum biodh an taigh-staile fosgailte uaireigin ann an 2014, ma gheibh e cead-dealbhachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile