Oifigear Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

  • 21 An Dùbhlachd 2012
Oilthigh Dhùn Èideann Image copyright Oilthigh Dhùn Èideann
Image caption Bheir am Plana Gàidhlig buaidh air feadh an oilthigh gu lèir.

Tha Oilthigh Dhùn Èideann air oifigear leasachaidh Gàidhlig fhastadh airson a' chiad uair.

'S i Bria Mason a fhuair an obair, agus a tha an-dràsta na h-oifigear leasachaidh Gàidhlig aig Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tòisichidh i san dreuchd ùir air 4mh an Gearran.

Bidh i an urra ri Plana Gàidhlig an oilthigh a chur an gnìomh.

Thug Ms Mason ceum le urram air a' chiad ìre a-mach ann an Ceiltis bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2009, mus do rinn i MLitt ann am Poileasaidh is Planadh Cànain aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 2011.

'S e seo a' chiad phlana Gàidhlig riamh aig Oilthigh Dhùn Èideann - an oilthigh as motha ann an Alba.

Bidh am Plana Gàidhlig a' toirt buaidh air an oilthigh air fad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile