SSE a' còmhradh mu Chàbal a' Chuain Sgìth

  • 21 An Dùbhlachd 2012
Cumhachd nan Tonn
Image caption Tha an càbal riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tha a' chompanaidh dealain SSE air a bhith a' còmhradh ri riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte mu mar a tha cosgais Chàbail a' Chuain Sgìth eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr air èirigh.

Tha an càbal-dealain riatanach airson cothrom a thoirt do sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar an dealan aca a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.

Thuirt SSE gu bheil iad air bruidhinn ris na riaghaltasan agus ris an riaghladair OFGEM, seach gum biodh a' chosgais de cheudan milleanan notaichean a' bualadh air daoine air feadh na dùthcha.

Chaidh innse Diardaoin na seachdain seo gu bheil a' chompanaidh Wavegen air tarraing a-mach à sgeama a bhiodh air dealan a chruthachadh à neart nan tonn air taobh siar Leòdhais, ri linn thrioblaidean ionmhais, agus an dàil a th' ann air Càbal a' Chuain Sgìth a chur an sàs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo