Eaconamaidh Eileanach a' fulang ri linn dìth RET bathair

  • 21 An Dùbhlachd 2012
Bàt-aiseig
Thugadh cothrom air na faraidhean saora bho charbadan coimearsalta.

Tha rannsachadh a dh'iarr Riaghaltas na h-Alba a' nochdadh gun robh call ann do dh'eaconamaidh nan Eilean Siar, Cholla agus Thiriodh ri linn mar a chaidh stad a chur air faraidhean RET airson charbadan bathair.

Cho-dhùin an sgrùdadh cuideachd gun robh companaidhean làraidhean ceart a bhith ag ràdh gun tug iadsan na buannachdan a bha iad a' faighinn à RET dhan luchd-ceannaich.

Chosg an rannsachadh a rinn MVA Consultancy £50,000.

Tha e a' dearbhadh gun tug companaidhean làraidhean buannachdan RET do luchd-ceannaich le bhith a' cumail phrìsean rèidh fad ceithir bliadhna.

Bha ministearan ag ràdh nach deach na buannachdan a roinn a-mach.

Thuirt an rannsachadh gun do bhrosnaich faraidhean RET eaconamaidh nan eilean, ach gu bheil mar a chaidh faraidhean bathair RET a stad, agus àrdachadh 50% a chur air faraidhean bathair sa Ghiblean, a' dèanamh call gu mòr air an econamaidh.

'S e na roinnean sna sgìrean as laige, leithid Uibhist is Barraigh as motha tha a' fulang, agus tha margaidean agus cosnaidhean gan call.

Thuirt BPA na sgìre, Alasdair Allan, nach fhaca esan an aithisg fhathast.

Thuirt labhraiche do Chòmhdhail Alba gu bheil iad a' cosg £2m airson àrdachadh faraidhean bathair a chumail aig 10% an aite an 34% san fharsainneachd ris an robh dùil.