400 cosnadh ùr aig Bàgh an Eige

  • 20 An Dùbhlachd 2012
Gàradh Bhàgh an Eige Image copyright Other
Image caption Ghabh a' chompanaidh an seann ghàradh thairis ann an 2011.

Cruthaichidh a' chompanaidh Global Energy Group 400 cosnadh ùr air Ghàidhealtachd.

Chaidh innse gun dèan a' chompanaidh iomairt mhòr fhastaidh air feadh na Gàidhealtachd sa bhliadhna ùir.

'S ann aig Gàradh Bhàgh an Eige, air Machair Rois, a bhios na cosnaidhean, far a bheil 800 duine ag obair dhan chompanaidh mar thà.

Ghabh a' chompanaidh an gàradh thairis an-uiridh, às dèidh dha a bhith dùinte fad iomadh bliadhna.

Tha iad ga chur gu feum le bhith a' càradh chlàran ola agus gas, agus a' togail uidheamachd airson cumhachd ath-nuadhachail.

A' foillseachadh na naidheachd aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir anns a' Phàrlamaid Albannaich, thuirt Ailig Salmond:

"Tha an iomairt fhastaidh as ùire seo na fianais air cho làidir 's a tha feachd-obrach na h-Alba, cho gealltannach 's a tha Alba a thaobh cumhachd, agus cho dealasach 's a tha roinn a' chumhachd den eaconamaidh.

"Ga bhrosnachadh le iarrtas a tha a' sìor fhàs air uidheamachd agus teicneòlas adhartach shònraichte air feadh roinn a' chumhachd, tha Gàradh Bhàgh an Eige gus spionnadh a chur air ais ann an eaconamaidh Linne Chrombaidh, agus eaconamaidh na Gàidhealtachd san fharsainneachd a neartachadh."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile